Seal re Saobhnós: Essays on Irish Courtly Love Poems
Síle Ní Mhurchú agus Mícheál Hoyne (deas.)
Scoil an Léinn Cheiltigh, Institiúid Ard-Léinn Bhaile Átha Cliath (2024) | xix + 292 duilleag | ISBN: 978-1-85500-255-5 | €30.00
’S e cruinneachadh a th’ anns an leabhar ghrinn seo de phàipearan a thugadh seachad aig co-labhairt ann am Baile Àtha Cliath ann an 2016 — co-labhairt a bha air a cumail gus ceud bliadhna a chomharrachadh bho nochd a’ chiad eagran ann an clò de Dánta Grádha: An Anthology of Irish Love Poetry of the Sixteenth and Seventeenth Centuries (1916). B’ e Tomás Ó Rathile (Thomas Francis O’Rahilly, 1882–1953) a dheasaich an leabhar ud agus nochd ro-ràdh aig toiseach an leabhair a sgrìobh Robin Flower (‘Bláithín’, 1881–1946). Chuireadh dàrna eagran na bu mhotha a-mach deich bliadhna an dèidh a’ chiad fhir: Dánta Grádha: Cnósach de sna Dánta Grá is fearr san Ghaelge (A.D. 1350-1750)/ An Anthology of Irish Love Poetry (A.D. 1350-1750) (1926). Bhuineadh an Rathileach do Lios Tuathail ann an Conntaidh Chiarraí agus chuir e seachad a bheatha obrach, bho 1919 air aghaidh, na ollamh air Gàidhlig na h-Èireann / cànain Ghàidhealach eadar oilthighean Èireannach agus Institiúid Ard-Léinn Bhaile Átha Cliath. Rugadh agus thogadh Flower ann an Siorrachd Eabhraic ann an Sasainn agus dh’obraich e bho 1909 a-mach ann an roinn nan làmh-sgrìobhainnean ann an Taigh-Tasgaidh Bhreatainn ann an Lunnainn.
Thagh Ní Mhurchú agus Hoyne, luchd-deasachaidh an leabhair a tha fon phrosbaig an seo, às-earrann airson an tiotail bhon chiad loidhne de dhàn a chuireadh as leth Laoisich Mhic an Bhaird, bàrd a bha, a rèir coltais, beò aig deireadh an t-siathaimh linn deug. Nochd an dàn sin, ‘Do-bhéaram seal re saobhnós’ (‘Cuireamaid seachad greis ri gòraiche’), am measg 106 ‘dánta grá’ (‘dàin ghaoil’) anns an dàrna eagran den chruinneachadh bho 1926. A dh’aindeoin an tiotail faodar a bhith dearbh-chinnteach às nach e greis ri gòraiche a bhiodh ann idir do leughadair sam bith a thogadh an leabhar ùr tarraingeach seo. Gheibhear caibidealan bho ochdnar sgoilear anns an leabhar ionmholta agus iad a’ cur air shùilean dhuinn cudrothmachd, ciall agus co-theagsa traidisean nan ‘dánta grá’ Èireannach cho math ri bhith toirt dhuinn breithneachadh air saothair an Rathilich agus Flower ann an Dánta Grádha. A thuilleadh air sin gheibhear caibideal a tha ag amas air bàrdachd choltach à Gàidhealtachd na h-Alba agus caibideal eile air bàrdachd choltach às a’ Chuimrigh. ’S ann anns a’ Bheurla a tha na caibidealan uile ach a-mhàin aon fhear a tha sgrìobhte ann an Gàidhlig na h-Èireann.
Anns a’ chiad chaibideil gheibhear meòrachadh luachmhor bho Ruairí Ó hUiginn air co-theagsa nan dàn seo. Tha a’ chuid as motha de na dàin ann an Dánta Grádha a’ buntainn ri ceud bliadhna eadar mu 1550 agus mu 1650, co-dhiù sin a thathar a’ saoilsinn agus dìreach grunnan a chuireadh as leth bàird sam bith sna làmh-sgrìobhainnean. Cheasnaich Ó hUiginn dè bu chiall do na dàin seo dhar tuigse air deireadh traidisean ‘filíocht na scol’ (a’ bhàrdachd chlasaigeach lideach phroifeiseanta). Mheòraich e an seo air ‘dánta grá’ a sgrìobh na h-uaislean iad fhèin agus comas leughaidh / sgrìobhaidh air a dhol am meud nam measg. Chaidh fianais a shealltainn an seo cuideachd gum feumadh e bhith gum b’ ann airson leughadh a bha cuid de na dàin seo leis gur e cros-dhàin a th’ annta le ainmean air an cleith annta. Agus mheòraich e air mar a ghabh bàird phroifeiseanta a bha cleachdte ri bàrdachd na bu thoinnte (ann am meatrachd na bu thoinnte) ris a’ bhàrdachd seo a bha na bu fhlagaiche nuair nach robh fèill cho mòr air a’ bhàrdachd àrd-inbheach tuilleadh. Sheall Ó hUiginn gum faodadh e bhith gum faigheadh bàrd coimisean dàn gaoil a sgrìobhadh bho dhuine uasal a bha an uair sin ga chur air falbh do thè uasal agus e a’ toirt a chreids’ gum b’ e e fhèin a rinn an dàn. Mar sin, cho-dhùin e, gu bheil na ‘dánta grá’ mar fhianais gun robh ‘filíocht na scol’ air chomas cuimseachadh ri linn atharrachadh sòisealta.
’S ann air dìleab Flower a tha aire Mhíchíl Mhic Craith anns a’ chaibideal aige-san. Bheachdaich e air mar a thuig agus mar a chleachd Flower an abairt amour courtois, gu seachd àraid mar a chuir Flower an cèill mar a bha na dàin ghaoil seo a’ buntainn ri càraidean pòsta/ adhaltranas. Aig cridhe na cùise tha deasbad sgoileireil air a bhith a’ dol fad bhliadhnaichean air cho coltach ri bàrdachd Fhraingeach amour courtois (a rinneadh eadar mu 1000 agus mu 1300) ’s a tha na ‘dánta grá’ Èireannach ged a tha iad nas anmoiche (eadar mu 1550 agus mu 1650 sa chumantas). Seach buaidh na Frainge sheall sgoilearan eile cho coltach ’s a tha cuid de na dàin Èireannach ri bàrdachd na Beurla a bha co-aoiseach. Tha Mac Craith mothachail an seo air mar a bha Flower a’ sìor-thaobhadh ri buaidh na Frainge seach buaidh Shasainn air na dánta grá aig àm bunachadh Saorstát Éireann. Mar sin, eisimpleir air mar a thug poileataigs a latha fhèin beagan de chlaonadh air beachdan Flower. Anns a’ chaibideal seo cuideachd gheibhear breithneachadh air na tùsan agus air an eadar-theangachadh aig Flower airson Love’s Bitter-Sweet: translations from the Irish poets of the sixteenth and seventeenth centuries (1925). Ann an sgrùdadh air an eadar-theangachadh aig Flower air dàn air a bheil ‘A bhean fuair an falachán’ (‘A bhoireannaich a fhuair am falach’) chuir Mac Craith air adhart gu bheil an t-eadar-theangachadh gar cuideachadh ann a bhith a’ tuigsinn brìgh an dàin na chànan tùsail.
Tha e na thoileachas caibideil fhaicinn anns an leabhar seo air litreachas Cuimreach. Rinn Dafydd Johnston sgrùdadh an seo air bàrdachd Dafydd ap Gwilym bhon cheathramh linn deug, air mar a tha gaol (‘serch’ agus ‘cariad’) gan làimhseachadh aig a’ bhàrd. Gheibhear cuideachd seallaidhean air samhlaidhean feiseil agus am bàrd a-mach air ‘a’ bhod bhríoghmhor’ aige fhèin (cleas Dhonnchaidh Chaimbeul Ghlinn Urchaidh!). Ann am beachd Johnston faodaidh an deasbad mu chultar dùthchasach seach buaidh bho dhùthchannan cèin aire a thoirt air falbh bho na tha sònraichte mun bhàrdachd seo agus mu leasachadh agus ceanglaichean, dh’fhaodte thar ùine, sa bhàrdachd aig ap Gwilym. Choimhead e an seo air a’ chàirdeas eadar gaol agus corp a’ bhàird, agus a chorp air uairean air a shamhlachadh ri cruth tìre neo caisteal is eile agus gaol a’ dèanamh ionnsaigh orra, ann an riochd slèigh (‘gwayw’) san eisimpleir mu dheireadh.
Bhon Chuimrigh a dh’ Alba anns an ath chaibideil. Sgrìobh Mícheál B. Ó Mainnín air dòigh-dèiligidh an Rathilich a thaobh na bàrdachd a gheibhear ann an Leabhar Deadhan Lios Mòir à Alba. Leis nach do chuir an Rathileach bàrdachd air feise a-steach agus leis cho doirbh is a tha e bàrdachd Leabhar an Deadhain a dheasachadh co-dhiù chan eil cruinneachadh cudromach nan dàn amour (dis)courtois a rinneadh neo a ghlèidheadh ann an Alba ann an Dánta Grádha. Thug Ó Mainnín sùil air an duine uasal Gearóid Iarla (1338–98) mar bhàrd ann an Leabhar an Deadhain ach cuideachd na gheibhear air a chur as a leth ann an Leabhar Fhear Maighe. Bheachdaich e cuideachd air Gearóid mar charactar e fhèin ann am bàrdachd dhaoine eile, gu dearbh ann am bàrdachd Dhonnchaidh Chaimbeul a’ bhoid bhríoghmhoir. Mar sin, ged a bha an Rathileach ag amas air cruinneachadh coileanta, dh’fhàgadh roinn chudromach de dh’eachdraidh nan dánta grádha a-mach.
B’ e Domhnall Mac Carthaigh (Mac Carthaigh Mór, a bhàsaich 1596), tighearna uasal cudromach anns a’ Mhumhan, cuspair caibideal luachmhor Síle Ní Mhurchú. Tha dà dhàn leis ann an Dánta Grádha agus treas dàn air maireachdainn nach eil sa chruinneachadh sin. An seo gheibhear fìor dheagh chothlamadh de dh’eachdraidh beatha an duine — beatha a bha rudeigin garg aig amannan agus aige ri dèiligeadh ri poileataigs an luchd-tuineachaidh Shasanaich na thìr fhèin agus call a mhic, Tadhg — cuide ri sùil air bàrdachd mar phàirt de shaoghal triathach agus a bhàrdachd fhèin. Tha e taitneach leughadh mu mhnaoi, Onóra, cuideachd is cho ceannsgalach ’s a bha i fhèin. Eadar bhith coimhead air tachartsan na bheatha, marbhrannan, dàin mholaidh agus eile tha cothrom an seo, mar a tha Ní Mhurchú a’ sealltainn, beatha duine dha-rìreabh a chumail air inntinn againn agus sinn a’ leughadh nan dánta grádha aige. Cothrom nach fhaighear tric agus a’ chuid as motha de na dàin ghaoil gun urra.
’S ann mu Ghofraidh (mac Briain) Mac an Bhaird a tha an caibideal feumail aig Mícheál Hoyne. Bha am filidh proifeiseanta seo, à Dún nan Gall, ri bàrdachd aig toiseach an t-seachdaimh linn deug — nuair a bha planntachadh Uladh agus riaghladh ùr nan Stiùbhartach air buaidh mhòr a thoirt air cùl-taic do na bàird. Tha bàrdachd air maireachdainn a rinn e do Niall Garbh Ó Domhnaill (1569–1626) agus uaislean eile ann an Uladh agus Connacht. Tha Hoyne a’ togail ceist an seo a bheil an sgaradh eadar ‘dánta grá’ agus a’ bhàrdachd chlasaigeach oifigeil ann an da-rìribh cho mòr sin. Rinn e sgrùdadh an seo air na dàin chlasaigeach a rinn Mac an Bhaird do dh’ Uilleam Ó Maoil Mhuaidh, agus dha theaghlach, a gheibhear ann an Làmh-Sgrìobhainn C iv 1 (c) ann an Acadamh Ríoga na h-Éireann. Le bhith dèanamh dlùth-leughadh air nòsan nan dàn molaidh agus nan dàn nas aotroime aige agus ‘dán grá’ a rinn e, ‘An sgítheach thú, a mhacaoimh mná’ (‘A bheil thu sgìth, a nighean òg?’), tha Hoyne gar stiùireadh gu bhith leughadh co-dhiù cuid de na ‘dánta grá’ mar dhàin a bha air an cruthachadh an lùib a’ chàirdeis a bha eadar bàrd agus (ban-)tighearna. Tha fianais bho dheagh thòrr de bhàrdachd air a cur an cèill an seo cuideachd agus sùil air cho cudromach ’s a tha suidheachadh / òrdugh nan dàn sna làmh-sgrìobhainnean. An cois seo uile tha Hoyne a’ ceasnachadh gu dè dìreach a tha sinn a’ tuigsinn neo a’ ciallachadh nuair a chleachdas sinn am facal ‘gaol’ ann an dàin ghaoil mar seo.
Gheibhear sùil mhionaideach air na dàin ghaoil agus càirdeis a rinn an duine uasal ainmeil a bha ri bàrdachd, Piaras Feiritéar (c.1600–1653), bho Dheirdre Nic Mhathúna, a tha air a caibideal a sgrìobhadh ann an Gàidhlig na h-Èireann. Tha dìleab an Fheiritéaraich ri faicinn fhathast ann am beul-aithris agus ann an ainmean-àite is e air a chuimhneachadh mar ghaisgeach a rinn dìon air a shluagh is e fon choill bho na h-ùghdarrasan Sasannach. Tha deich dàin air maireachdainn agus e an ìre mhath cinnteach gum b’ e am Feiritéarach a rinn iad —sia dhiubh sin nan dàn gaoil neo càirdeis. Chaidh na dàin aige a sgaoileadh fad is farsaing agus iad pailt ann an làmh-sgrìobhainnean, gu seachd àraid anns na làmh-sgrìobhainnean a rinn sgoilearan cliùiteach muinntir Uí Longáin, Mícheál Óg Ó Longáin (1766–1837) nam measg. Rinneadh breithneachadh an seo air eachdraidh sgapaidh neo sgaoilidh cuid de na dàin sna làmh-sgrìobhainnean agus puingean innteach ann mu chaisgireachd agus leisg air sgoilearan nan làmh-sgrìobhainnean am bàrd ainmeachadh nuair a tha ainm a’ bhoireannaich follaiseach san dàn gaoil. Tha fear de na dàin ghaoil, ‘Deacair teacht ó ghalar gráidh’ (‘Doirbh èirigh à galar gràidh’) air a thasgadh ann an Leabhar Dearg Chlann Raghnaill. Le bhith cur prìomh fheartan nan dàn gaoil agus càirdeis aig a’ bhàrd air shùilean dhuinn an seo tha Nic Mhathúna air iomadh rud ionnsachadh dhuinn: dàn gaoil mar dhioplòmasaidh; eadar-dhealachadh anns an dòigh a mhol e fireannaich is boireannaich (nì e moladh air foghlam nam fear is tha sin a dhìth airson nam ban); mar a thèid am bàrd an aghaidh nam modhan àbhaisteach le bhith ag ainmeachadh cuspair an dàn ghaoil.
’S ann air molaidhean, marbhrannan agus dàin chlasaigeach de sheòrsaichean eile do bhoireannaich — nach eil gam meas mar ‘dhánta grá’ — a tha aire Damian McManus anns a’ chaibideal aige-san. Tha McManus air sreath de dh’artaigilean fhoillseachadh air a’ chuspair seo cheana. Gheibhear iomadh cùis-ùidh ùr anns a’ chaibideal seo ge-ta agus e air còd molaidh airson mharbhrannan nam ban a dhealbhachadh dhuinn an seo, a’ sealltainn mar a tha iad eadar-dhealaichte bho mharbhrannan do dh’fhireannaich. Bidh seo feumail do sgoilearan aig a bheil ùidh ann an traidisean nam marbhrann na bu thràithe agus na b’ anmoiche eadar Gàidhlig agus Gàidhlig na h-Èireann. Mar eisimpleir sna marbhrannan do bhoireannaich gheibhear tric moladh air cho fialaidh is a bha iad a thaobh dèirc do na bochdan, is chan eil sin idir cho bitheanta sna marbhrannan do dh’fhireannaich. Tha grunnan rannsachaidhean-cùise an seo air diofair chuspairean, nam measg: dàin do bhoireannach uasal, Róis inghean Uí Thuathail (a bhàsaich mu 1629) nuair a bha i na banntrach is teachdaireachd làidir sna dàin nach eil i ag iarraidh duine eile a phòsadh; mar a tha moladh air falt aig cridhe iomraidhean air bòichead; mar a rinneadh coimeas eadar boireannach uasal eile agus Emer, bean Cù Chulainn leis nach robh caractaran eile bhon litreachas, Meadhbh neo Deirdre freagarrach air adhbharan eadar-dhealaichte; cho cudromach is a tha aire do na màthraichean agus do na mnathan tha gan ainmeachadh sa bhàrdachd ann an Leabhar Fhear Maighe, ceist ga togail ann an aon suidheachadh an robh guth neo làmh aig bean an tighearna ann an taghadh a’ bhàird a gheibheadh cùl-taic.
Cruinneachadh air leth fiosrachail agus feumail a tha seo, a dhearbh gun robh an t-àm ann (100 bliadhna air aghaidh!) ath-mheasadh a dhèanamh air na ‘dánta grá’. Tha iomadh leasan ri ionnsachadh an seo mu bhàrdachd bho bhàird phroifeiseanta agus daoine uasal nach robh ri bàrdachd mar dhreuchd tràth san nua-linn. Meal-a-naidheachd air na sgrìobhadairean agus air an luchd-deasachaidh. Tha ùrachadh agus caochladh bheachd ann a thaobh cuid de na rinn an Rathileach agus Flower agus a thaobh cuid de na co-dhùnaidhean aca. Ach tha meas is spèis gan sealltainn dhaibh air a shon sin fhathast san leabhar seo. Tha an luchd-deasachaidh a’ miannachadh san ro-ràdh gum priobraich an leabhar tuilleadh rannsachaidh air a’ chuspair agus is cinnteach gum priobraich. Chan e greis ri gòraiche a bhiodh an dàn do neach a leughadh an leabhar beairteach seo ach greis ri gàirdeachas, greis ri gliocas agus greis ri gràdh is gaol.
Sìm Innes
Oilthigh Ghlaschu