Tha North American Gaels na pàirt den dàrna sreath ann am McGill-Queen’s Studies in Ethnic History, sreath a tha air àite a thoirt dha rannsachadh air Gàidheil na h‑Èireann agus na h‑Alba ann an Aimeireaga a Tuath roimhe, le foillseachaidhean leithid Brìgh an Òrain / A Story in every Song. The Songs and Tales of Lauchie MacLellan, air a dheasachadh le John Shaw (2000), agus Exiles and Islanders: The Irish Settlers of Prince Edward Island le Brendan Grady (2004). Tha an leabhar seo car eadar-dhealaichte, ge-tà, ann a bhith a’ dèiligeadh ri litreachas Gàidheil an dà dhùthcha anns an t‑saoghal ùr fon aon chòmhdach. Tha na 15 caibideilean aig cridhe an leabhair stèidhichte air pàipearan a chaidh a lìbhrigeadh aig an Harvard Symposium on North American Literature ann an 2017 agus tha e air leth freagarrach gu bheil an leabhar air a choisrigeadh dhan Ollamh Coinneach E. Nilsen (1947–2012), sgoilear a rinn uiread de rannsachadh luachmhor air Gàidheil agus Èireannaich nan Stàitean Aonaichte agus Chanada, agus a chuir ris na cultaran agus cànanan aca an sin cuideachd. Tha dìleab Nilsen ga aithneachadh air feadh an leabhair eadar an caibideil mu dheidhinn aig fìor thoiseach an leabhair le Natasha Sumner, ‘Gaisgeach nan Gàidheal’, agus an deireadh far a bheil caibideil mu na colbhan Gàidhlig a sgrìobh e dhan phàipear an Casket le Catrìona NicÌomhair Parsons agus an uair sin clàr de na foillseachaidhean fa leth aige. A bharrachd air sin tha gach ùghdar a’ toirt iomradh air a’ bhuaidh a thug Nilsen orra agus air an obair sgoilearaich aca. Mar sin, tha an t‑Oll Nilsen agus an dìleab aige na shnàthlainn làidir a ruitheas tron leabhar.
Mar a mhìnicheas na deasaichean, Natasha Sumner agus Aidan Doyle, bha diofaran an dà chuid ann am pàtranan eilthireachd agus ann an suidheachadh an dà shluaigh ann an Aimeireaga a Tuath, diofar a tha air buaidh a thoirt air faicsinneachd agus maireannachd nan cultaran agus nan litreachasan aca an sin le barrachd litreachas againn bho Ghàidheil na h‑Alba a thuinich, gu tric, ann an coimhearsnachdan dùthchail an àite ann am bailtean mòra mar a rinn a’ mhòr-chuid de na h‑Èireannaich. Mar thoradh air na h‑eadar-dhealachaidhean seo chuir na deasaichean rompa an dà dhùthaich a chumail fa leth san leabhar agus ochd caibideilean a’ dèiligeadh ri Gàidheil na h‑Èireann anns a’ chiad earrainn agus seachd ri Gàidheil na h‑Alba san dàrna earrainn, sgaradh a dh’obraicheas glè mhath leis nach eil na caibideilean fhèin ag amas air rannsachadh coimeasach a lìbhrigeadh. Ach, a dh’aindeoin sin, gheibh leughadairean a’ chruinneachaidh shlàin ìre de shealladh coimeasach. Tha an ro-ràdh aig Sumner agus Doyle air leth feumail ann a bhith a’ toirt co-theacsa farsaing dhuinn air eachdraidh eilthireachd à Eirinn an toiseach, agus an uair sin à Gàidhealtachd na h‑Alba, le sùil air àitean tuineachaidh agus na diofar dhòighean anns an deach litreachas agus cultar Gàidhlig a chumail beò am measg nan eilthireach.
Tha an earrann air na h‑Èireannach a’ fosgladh le caibideil air an litreachas sgrìobhte as tràithe ann an Gàidhlig na h‑Èireann a chaidh a dhèanamh ann an Ameirigea a Tuath agus Pádraig Ó Liatháin a’ coimhead air Donncha Rua Mac Conmara (1715?–1810). Ged a tha trì de na dàin aige a’ dèiligeadh ri Talamh an Èisg, cha robhar buileach cinnteach ron a seo an robh Donncha Rua fhèin dha-rìribh air a bhith ann, ach tha Ó Liatháin a’ tarraing air fianais ùr bho lamh-sgrìobhainn aig Tomás Ó hAthairne, a bha eòlach air a’ bhàrd, gus dearbhadh gur ann an sin a chaidh na dàin a dhèanamh. Tha Nancy Stenson a’ dèiligeadh ri làmh-sgrìobhainnean cuideachd agus i a’ sgrùdadh an litreachaidh, stèidhichte air litreachadh na Beurla, ann an dà làmh-sgrìobhainn bho Aimeireaga ann am meadhan na 19mh linn agus an litreachadh aca glè choltach ri chèile. Ann an alt air Pádraig Phiarais Cúndún (1777–1857), a rinn eilthireachd do Stàit New York à Countaidh Corcaigh mu 1826, tha Tony Ó Floinn a’ beachdachadh air litrichean agus dàin a’ bhàird airson dealbh a chruthachadh air a’ choimhearsnachd — agus gu dearbh na coimhearsnachdan — air an robh e ag amas le chuid bàrdachd. Tha fianais mun choimhearsnachd chànanaich timcheall air anns na Stàitean car gann, ach tha Ó Floinn a’ fosgladh uinneag air sin agus a’ sealltainn beartas nan litrichean a chuir e dhachaigh a dh’Èirinn mar thobar-fiosrachaidh.
Tha beul-aithris anns an iris dhà-chànanach An Gaodhal, a chaidh a stèidheachadh ann an New York ann an 1881, mar fhòcas dha Tomás Ó hÍde agus e a’ sealltainn mar a bha an iris mar thasglann luachmhor de bheul-aithris a chaidh a chruinneachadh an dà chuid ann an Èirinn agus am measg Èireannach Aimeireaga, a’ daingneachadh cudrom nan lìonraidhean-conaltraidh air dà thaobh a’ chuain. Mar phàirt den chaibideil tha an sgeul ‘Eachtra Eoghain Ruadh’, a chruinnicheadh ann an Countaidh Port Làirge, agus a nochd anns An Gaodhal ann an 1891, mu bhàrd na h‑ochdamh linn deug, Eoghan Rua Ó Súilleabháin. Tha an ath chaibideil a’ dèiligeadh ri iris cuideachd agus Matthew Knight a’ beachdachadh air an Irish Echo a chaidh a chur air bhonn leis a’ Bhoston Philo-Celtic Society ann an 1886 agus a mhair, le beàrnan, gus 1894. Mar a mhìnicheas Knight, a dh’aindeoin cho làidir ’s a bha an Echo air taobh Gàidhlig na h‑Èireann, cha do nochd colbh Gàidhlig fad na ciad bliadhna gu leth agus, fiù ’s nuair a thòisich e a’ nochdadh gu cunbhalach, thàinig càineadh bho chuid nuair a thòisich e air Gàidhlig fhoillseachadh ann an clò ròmanach. Coltach ri iomadh iris eile anns an deach Gàidhlig na h‑Alba no na h‑Èireann fhoillseachadh bha duilgheadasan ionmhais mar bhuille-bhàis dha. Tha clàr luachmhor aig deireadh na caibideil anns a bheil tiotal gach òran — 120 dhiubh — a nochd san Echo.
’S ann air cùrsaichean-cànain air astar bhon a’ chiad dheichead den 20mh linn a tha aire William Mahon agus e a’ sealltainn mar a chruthaicheadh trì cùrsaichean fa leth ann an Gàidhlig na h‑Èireann air fònagram anns na Stàitean ann an 1909 agus 1910. Ged nach eil fianais ann gun do chuir na clàraidhean seo mòran ris a’ chànan a chumail beò ann an Aimeireaga, agus a h‑uile coltas ann nach do reic iad gu math, tha iad a’ dearbhadh mar a bhathar a’ cur teicneòlas ùr gu feum ann an iomairt a’ chànain. ’S e Seán “Irish” Ó Súilleabháin (1882–1957) fòcas na caibideil aig Ciara Ryan. Rinn Ó Súilleabháin eilthireachd à Béarra a Bhutte, Montana ann an 1905, baile dhan deach mòran às an sgìre aige, a’ fàgail gu robh coimhearsnachd làidir Èireannach an sin. Agus, mar a sheallas Ryan, a’ tarraing air a litrichean, chuir Ó Súilleabháin gu mòr ri poileataigs agus cultar Èireannach a’ bhaile thairis air na bliadhnachan. Am measg nan làmh-sgrìobhainnean aige tha cruinneachadh luachmhor de dhàin — gu h‑àraid ann an cruth aisling — a sgrìobh e sìos bho chuimhne fhèin, agus den bhàrdachd a rinn e fhèin. Tha Pádraig Ó Siadhail a’ sgrùdadh trì nobhailean ann an Gàidhlig na h‑Èireann a chaidh a sgrìobhadh anns na 1920an agus 1930an agus a tha stèidhichte, ann am pàirt co-dhiù, ann an Canada. ’S e am prìomh dhiofar a mhothaichear eadar iad seo agus nobhailean mu luchd-imrich Èireannach anns a’ Bheurla, gu bheil na prìomh charactaran annta a’ tilleadh a dh’Èirinn an àite fuireach anns an dùthaich ùir, dìleab iomairt an ath-bheothachaidh, mar a tha Ó Siadhail ag argamaid, agus beachd ann gum bu chòir dha eilthirich tilleadh a dh’Èirinn agus cur ri oidhirpean an dùthaich ath-thogail.
Tha an earrainn air Gàidheil na h‑Alba, a’ tòiseachadh le caibideil Robert Dunbar air Iain MacGilleain (1787–1848), am bàrd Gàidhlig as ainmeile a chaidh a Chanada. Dh’fhoillsich am bàrd cuid de na h‑òrain aige fhèin ann an 1818, bliadhna mus do thog e air a dh’Alba Nuadh, ach ’s ann air mar a chaidh dàin a’ bhàird a dheasachadh le ogha, an sgoilear agus ministear Canadianach, an t‑Urr. Alasdair MacGilleain Sinclèir (1840–1924), ann an Clàrsach na Coille (1881) a tha aire Dunbar, eadar na h‑atharrachaidhean — uaireannan gu math mòr — a thug an deasaiche air na teacsaichean agus buaidh nan atharrachaidhean sin air deasaichean eile agus air dreach nan òran ann am beul-aithris air dà thaobh a’ chuain. Bha MacGilleain Sinclèir aig cridhe lìonraidhean litreachail an ama agus tha Michael Linkletter a’ dèiligeadh ris cuideachd na chaibideil agus dà aoir le Alasdair ‘an Rids’ MacDhòmhnaill (1794–1868) air a’ phàipear-naidheachd ainmeil MacTalla (1892–1904) fon phrosbaig. Tha litrichean eadar deasaiche a’ phàipeir, am bàrd agus MacGilleain Sinclèir gan cur gu feum airson sealltainn mar a bhrosnaicheadh am bàrd gus tè de na h‑aoirean seo a dhèanamh às dèidh dhan deasaiche atharrachaidhean a dhèanamh air dàn a’ bhàird mus deach fhoillseachadh, agus an uair sin mar a chaidh dèiligeadh ri gearan a’ bhàird air beulaibh an t‑sluaigh ann an duilleagan a’ phàipeir ann an dòigh nach do chòrd ris a’ bhàrd. Bha irisean leithid MacTalla air inbhe a chosnadh dhaibh fhèin ann an coimhearsnachdan Gàidhlig ach chan ann às aonais strì agus connspaid a bha seo uaireannan agus na bàird deiseil am moladh agus an càineadh anns an dòigh thraidiseanta. Tha cuideam MacTalla follaiseach a‑rithist anns an alt aig Tiber Falzett air Gàidheil Eilean a’ Phrionnsa agus mar a chumadh am fèin-aithne beò am measg an fheadhainn aca a rinn imrich a Bhoston agus Quincy, Massachusetts, eadar an eaglais agus an gnìomhan litreachail. Chìthear mar a chleachd an t‑Urr. Murchadh MacLaomainn, Gàidheal a rugadh ann an Eilean a’ Phrionnsa ach a rinn imrich a Quincy, MacTalla mar dhòigh air criomagan litreachais bho eilean a bhreith a lorg am measg leughadairean a’ phàipeir.
’S ann mu Alasdair Friseal (1860–1936), neach-naidheachd, deasaiche agus neach-cruinneachaidh beul-aithris, a tha caibideil Mìcheal Newton. Na fhoillseachadh, Leabhar nan Sonn (1897), chruthaich am Frisealach dealbh de Chanada mar dhùthaich airson nan Gàidheal, an cànan agus an litreachas, agus e a’ toirt seachad eachdraidhean-beatha Ghàidheal a shoirbhich anns an dùthaich ùir ach a bha fhathast dìleas dhan cultar agus cànan, leithid a’ bhàird Eoghainn MhicColla agus an t‑Siorraim Ghilleasbuig MhicEalair; agus còmhla ri sin iomradh air cèilidh thraidiseanta, a-rithist a’ daingneachadh dìlseachd nan Gàidheal dhan dùthchas ann an dòigh a bha gan comharrachadh mar shluagh fa leth ann an Canada. Gheibhear sealladh inntinneach air sgeulachdan apocraphal bho Kathleen Reddy. Mar a sheallas i, chan ann ann an sgìrean Caitligeach a‑mhàin a gheibhear a leithid de sgeulachdan ceangailte ris a’ Bhìoball, a dh’aindeoin na tha cuid de sgoilearan air ràdh ron a seo, ach ann an sgìrean Pròstanach cuideachd. Agus le bhith a’ dèanamh coimeas eadar diofar thionndaidhean de sgeulachdan anns a bheil ainmhidhean a’ cuideachadh, no a’ brathachadh, Crìosd, a chaidh a chlàradh anns na h‑Eileanan an Iar agus ann an Ceap Breatainn san 20mh linn, chìthear gu bheil eadar-dhealachaidhean a’ nochdadh annta a rèir an sgeulaiche, na coimhearsnachd agus an luchd-èisteachd. Agus tha Lorrie NicFhionghain a’ toirt sùil air a’ chonaltradh a bha eadar a’ bhana-Bharrach agus bana-sheanchaidh, Anna NicIain (c. 1889–1963), agus Gàidheil ann an Alba Nuadh eadar na litrichean a sgrìobh i gu cuid aca agus na sgrìobh i mun nan turas aice a dh’Alba Nuadh ann an 1954. Mar a chanas NicFhionghain fhèin, tha e gu math follaiseach gu bheil beartas de fhiosrachadh anns na litrichean agus pàipearan aig NicIain air an gabhadh sgrùdadh nas doimhne a dhèanamh. ’S ann le Catrìona NicÌomhair Parsons a tha a’ chaibideil mu dheireadh agus i a’ coimhead air obair Choinnich Nilsen mar sgrìobhadair agus neach-cruinneachaidh beul-aithris agus air na 61 colbhan Gàidhlig a sgrìobh e airson Casket Antaiginis. Bha a’ mhòr-chuid dhiubh seo stèidhichte air clàraidhean a rinn e de Dhòmhnall Camaron, Lòn an Dòbhrain Duinn, agus tha ochd de na sgeulachdan sin gan toirt seachad sa chaibideil le notaichean air na sgeulachdan fa leth le Gregory R. Darwin.
Uile gu lèir tha seo na shàr chruinneachadh de dh’aistean a sheallas an leasachadh mòr a tha air tighinn air sgoileireachd air Gàidheil Aimeireaga a Tuath thairis air na beagan bhliadhnachan a dh’fhalbh. Cruinneachadh a sheallas cuideachd gu bheil gu leòr fhathast ri dhèanamh le bhith a’ ceasnachadh irisean, pàipearan-naidheachd, litrichean, agus làmh-sgrìobhainnean nan Gàidheal agus a’ sgrùdadh nan lìonraidhean aca air dà thaobh a’ chuain airson tuigse nas doimhne fhaighinn air na h‑eilthireach, an cànan agus cultar. Tha seo na leabhar a chuireas clach, agus gu dearbh clachan, eireachdail air càrn an Ollaimh Coinneach Nilsen.