Sa cheithreamh chaibideil dhen leabhar aca Kafka: pour une littérature mineure, freagraidh na feallsanaichean iar-structarail Frangach Gilles Deleuze is Félix Guattari a’ cheist: ‘qu’est-ce qu’une littérature mineure ?’ — dè th’ ann am mion-litreachas? Togaidh iad an sgrìobhaiche Iùdhach Pràgach Franz Kafka mar eisimpleir, agus seo far an nochd trioblaid, dìreach aig toiseach na caibideil, nuair a dhearbhaicheas iad: ‘Une littérature mineure n’est pas celle d’une langue mineure, plutôt celle qu’une minorité fait dans une langue majeure’ [Chan e litreachas mion-chànain a th’ ann am mion-litreachas, ach an litreachas a nì mion-shluagh ann am mòr-chànan] (Deleuze agus Guattari 1975: 29; chaidh a h‑uile eadar-theangachadh san alt seo a dhèanamh le ùghdar an uilt).
Air an dàrna làimh, faodar a thuigsinn, gu ìre co-dhiù, carson a their iad seo. Leis gun robh Seicis fhileanta agus beagan Iùdhais aig Kafka, feumaidh Deleuze is Guattari mìneachadh a lorg air carson a sgrìobh e sa Ghearmailtis a‑mhàin, seach, gu h‑àraid, san Iùdhais, a bha na cànan màthaireil do chuid mhòr dhe choimhearsnachd. Air an làimh eile, bhon chiad turas a thachair mi air an aiste, tha mi air a bhith a’ faireachdainn gun robh rudeigin ceàrr leis a’ mhìneachadh seo, agus leis na h‑eisimpleirean a bheir Deleuze is Guattari seachad gus an coincheap aca a dhealbhadh. Nach fhaodte, shaoil mi, gum biodh na feartan a dh’ainmicheas iad ann am ‘mion-litreachas’ nas cumanta, agus nas fhasa a lorg, ann an co-theacsa eadar-dhealaichte — ’s e sin ri ràdh, ann an litreachasan nam ‘mion-chànan’ a sheachnas iad?
Thathar a’ feuchainn an seo, ann am pàirt, ri freagairt a thoirt do chuid dhe na teagamhan a tha luchd-breithneachaidh na Gàidhlig air togail a thaobh na teòiridh litreachasail, le Thomas Owen Clancy, mar eisimpleir, a’ toirt iomradh air ‘the full-scale assault of modern critical theory, which tends to displace in any case the intended subject of critique, the poem itself’ (2010: 121). Tha mi airson sealltainn nach fheum an teòiridh seo a bhith na h‑ionnsaigh idir, ach na h‑inneal cuideachail. Gidheadh, ged nach bi mi a’ sgrùdadh ach nua-litreachas, far a bheil e air a bhith, mar a their William Gillies, ‘possible for critics to write adequately about this output in twentieth-century literary-critical terms, precisely because it partakes of the world of Marx, Hitler, Freud, Sartre and Pound’ (2006: 13), tha mi airson sealltainn nach eil an ceangal eadar nua-litreachas agus nua-theòiridh a cheart cho furasta a thogail ’s a b’ urrainn dhuinn smaoineachadh. Tha mi an dòchas, mar sin, gum bi an t‑alt seo na eisimpleir dhe na ceistean a b’ urrainn agus a bu chòir dhuinn a bhith a thogail mun teòiridh litreachasail, ge b’ e dè seòrsa theacsaichean air a bheil sinn ag obair, gus am bi i feumail is cuideachail dhuinn ann a bhith a’ tuigsinn litreachas na Gàidhlig, o gach linn.
Tha an t‑alt seo air a roinneadh ann an trì pàirtean: an toiseach, ciad shealladh air feartan a’ ‘mhion-litreachais’ a rèir Deleuze is Guattari; san dàrna àite, sùil air cuid dhe na prìomh-thrioblaidean leis a’ mhìneachadh is na h‑eisimpleirean aig Deleuze is Guattari; agus, mu dheireadh, beachdachadh air obraichean le cuid de nua-sgrìobhadairean Gàidhlig na h‑Alba le bhith a’ tarraing air feartan a’ ‘mhion-litreachais’. ’S iad na prìomh-cheistean agam: an urrainn ‘mion-litreachas’ a bhith aig ‘mion-chànan’ idir? Agus mas urrainn, cò ris a dh’fhaodadh e bhith coltach?
Dè th’ ann am mion-litreachas?
Tharraing Deleuze is Guattari an abairt ‘mion-litreachas’ o abairt a nochdas ann an nòtaichean a sgrìobh Kafka: ‘kleine Literatur’, gu litireil ‘litreachas beag’ (leabhar-latha Kafka, 25mh an Dùbhlachd, 1911; faic Kafka 1976: 151-154). Airson Deleuze is Guattari, tha litreachas nan Iùdhach Pràgach na bhun-eisimpleir de mhion-litreachas, agus tha sgrìobhadh Kafka na phrìomh-phàirt dheth sin. Dhan rèir-san, tha trì feartan aig ‘mion-litreachas’ anns an fharsaingeachd: ‘la déterritorialisation de la langue, le branchement de l’individuel sur l’immédiat-politique, l’agencement collectif d’énonciation’ [dì-thìreachadh a’ chànain, co-cheangal a’ phearsa ris a’ ghrad-làthaireach phoileataigeach, eagrachadh coitcheann na h‑aithrise] (1975: 33).
A thaobh an dì-thìreachaidh, canaidh Deleuze is Guattari gu bheil na h‑Iùdhaich Phràgach air an glacadh eadar a’ chlach is an sgrath. Cha b’ urrainn dhaibh a bhith a’ sgrìobhadh san t‑Seicis, oir tha iad sgarte le ‘distance irréductible’ [astar do-lughdachadh] (1975: 30) bhon t‑sluagh Sheiceach, a tha gu ìre mhòr dùthchail air neo bho thùsan dùthchail. Gidheadh, their Deleuze is Guattari nach urrainn dhaibh nas motha a bhith a’ sgrìobhadh anns a’ Ghearmailtis, cànan oifigeil an riaghaltais Ostair-Ungairich, oir tha a’ Ghearmailtis fhèin gu litireil dì-thìrichte ann am Pràg, agus i air a h‑iomallachadh agus air a gluasad bhon spàs bhunasach chruinn-eòlach aice: ’s e ‘“langage de papier” ou d’artifice’ [cànan brèige no ‘pàipeir’] (1975: 30) a th’ innte, air a cleachdadh airson cùisean na stàite ach chan ann airson saothair chultarail. Tha Deleuze is Guattari ag ràdh, mar sin, gun robh Kafka na eisgeachd, a’ cleachdadh Gearmailtis Phràg ann an dòigh nach robh ‘nàdarra’ dhi mar chànan ‘pàipeir’. (Chithear gu bheil cànan eile a dhìth an seo, an Iùdhais; bheir Deleuze is Guattari iomradh oirre nas fhaide air adhart, agus tillidh mi thuice san dàrna pàirt dhen alt seo.)
A thaobh poileataigs, nì Deleuze is Guattari sgaradh sònraichte eadar mion-litreachas agus ‘“grandes” littératures’ (1975: 30) — ‘mòr’-litreachasan, mar gum b’ eadh, abairt a bheir air ais sinn dhan fhacal a bha aig Kafka fhèin, klein, no beag. Ann am mòr-litreachas, their iad, ’s e ‘l’affaire individuelle’ [a’ chùis phearsanta] (1975: 30, clò Eadailteach bunasach), a tha ceannasach, agus tha am milieu sòisealta mar chùl-fhiosrachadh a‑mhàin — seòrsa àrd-ùrlair air an nochd gnìomhan phearsachan fa leth. Air an làimh eile, ann am mion-litreachas, ‘son espace exigu fait que chaque affaire individuelle est immédiatement branchée sur la politique’ [tha an spàs cuingichte aige a’ fàgail gum bi gach cùis phearsanta air a ghrad-cheangal ris a’ phoileataigs] (1975: 30). Mar a bheanas ‘mion’-shaothraichean litreachasail ri iomallan na ganntair seo (m.e., Kafka mar sgrìobhadair Iùdhach aig an robh a’ Ghearmailtis mar chànan màthaireil ach a bha air a chuairteachadh leis an t‑Seicis is cànain eile, seach a’ Ghearmailtis), taisbeanaidh iad structar an raoin chultarail is phoileataigich anns an tèid an cruthachadh, ann an dòigh nach taisbean, a rèir Deleuze is Guattari, ‘mòr’-litreachasan.
Le ‘agencement collectif d’énonciation’ no ‘eagrachadh coitcheann na h‑aithrise’ tha Deleuze is Guattari a’ ciallachadh gu bheil ‘une valeur collective’ [luach coitcheann] (1975: 31) aig gach saothair litreachasail ann am mion-litreachas. Coltach rim beachdachadh air a’ phoileataigs, nì iad sgaradh an seo eadar mion-litreachas agus ‘littérature des maîtres’ [litreachas mhaighstirean] (1975: 31). Ann am mion-litreachas, their iad, chan urrainn ‘maighstirean’ a bhith ann leis gu bheil an raon-tàlaint cho beag: ‘En effet, précisément parce que les talents n’abondent pas dans une littérature mineure, les conditions ne sont pas données d’une énonciation individuée, qui serait celle de tel ou tel “maître”, et pourrait être séparée de l’énonciation collective’ [Gu dearbh, gu dìreach air sgàth ’s gu bheil tàlantan gann ann am mion-litreachas, chan eil an suidheachadh ann airson aithris phearsanta, mar a bhiodh aig a leithid seo de ‘mhaighstir’, agus a b’ urrainn a bhith air a sgaradh bho aithris choitcheann] (Deleuze agus Guattari 1975: 31, clò Eadailteach bunasach). Mar a chuireas Marc Caplan an cèill, ‘The callousness manifest in this statement [.i., gu bheil tàlantan gann ann am mion-litreachas] serves to warn that no literary theory can long endure without reference to specific writers and their work’ (2011: 20). Cumaidh Deleuze is Guattari orra, ge-tà, a’ dearbhadh nach urrainn do labhairt phearsanta ann an co-theacsa mion-litreachais ach a bhith a’ tionndadh na labhairt choitcheann, ’s e sin ri ràdh, gu bheil saothair ‘mion-litreachais’ ann an dòigh a’ riochdachadh na coimhearsnachd air fad, ’s dòcha gun fhiosta dhan sgrìobhadair fhèin, no ga aindeoin. Ann am faclan eile, ‘[l]e champ politique a contaminé tout énoncé’ [tha an raon poileataigeach air gach labhairt a thruailleadh] (1975: 31), gus nach gabh saothair litreachasail ann am mion-litreachas leughadh gun an leughadair a bhith a’ beachdachadh air poileataigs agus/no ideòlas, eadhon mura robh beachd-smuaintean rèabhlaideach no fiù ’s poileataigeach aig an ùghdar (no aig an neach-labhairt).
Thairis air na trì prìomh-fheartan seo, comharraichidh Deleuze is Guattari cuid de dh’fheartan eile, gu h‑àraid seòrsa ‘bochdainn-chànain’ a tha — dhan rèir-san — ri faicinn ann an Gearmailtis Phràg. Innsidh Deleuze is Guattari dhuinn gu bheil dà fhreagairt do dhì-thìreachadh Gearmailtis Phràg: seach a bhith ga leasachadh ann an dòigh mhì-nàdarra, ga h‑‘enrichir artificiellement’ (1975: 34) le bhith a’ cleachdadh samhlachadh, aislingean, agus ciallaichearan (.i., signifiers) annasach is neo-àbhaisteach; air neo, mar a nì Kafka, ‘[o]pter pour la langue allemande de Prague, telle qu’elle est, dans sa pauvreté même’ [Gearmailtis Phràg a thaghadh, dìreach mar a tha i, na bochdainn fhèin] (1975: 34-35). ’S i an dàrna slighe, canaidh Deleuze is Guattari, a stiùireas gu mion-litreachas san t‑seagh acasan, litreachas a dhlùth-ghabhas ri ‘seasgad’ (sécheresse) a’ chànain gus nach bi an cànan ‘symbolique, ou même significatif, ou simplement signifiant’ [samhlachail, no fiù ’s brìgheil, no gu sìmplidh ciallach] idir, gus nach bi, mar sin, dad air fhàgail ach ‘des intensités’ [dèineadan], iallan-cànain air chrith (1975: 35). ’S e a th’ ann am mion-litreachas, mar sin, ach mion-chleachdadh cànain a dhiùltas a bhith a’ leudachadh a’ chànain; an àite sin, ’s fheàrr le mion-litreachas ‘[f]aire vibrer des séquences, ouvrir le mot sur des intensités intérieures inouïes, bref un usage intensif asignifiant de la langue’ [a bhith a’ cur shreathan-leanmhainn air chrith, a’ fosgladh an fhacail ri dèineadan taobh a‑staigh gun dùil — ann am facal, cleachdadh dian eu-ciallach dhen chànan] (1975: 41). Tha ‘mion-litreachas’ a’ gabhail ris a’ ‘bhochdainn-chànain’ a tha ri fhaighinn, a rèir Deleuze is Guattari, ann an co-theacsaichean cànanach a leithid Gearmailtis Phràg agus ga tionndadh gu neart le bhith a’ teinneachadh ciall nam facal gu ìre far nach eil ciall annta tuilleadh (no far nach i a’ chiall an rud as cudromaiche) ach, ’s dòcha, seòrsa faireachdainn de ‘dhèinead’ a thaisbeanas cridhe a’ chànain fhèin agus na structaran-cumhachd a tha ag obrachadh ann.
Stèidhichte air a’ mhìneachadh fharsaing seo air Deleuze is Guattari, bidh cuid de cheistean sònraichte a’ stiùireadh nan leughaidhean agam san treas pàirt dhen alt seo:
- Dè bhiodh ‘dì-thìreachadh’ a’ ciallachadh ann an co-theacsa litreachas na Gàidhlig?
- Dè tha moladh na ‘bochdainn’ ann am ‘mion’-chleachdaidhean cànain a’ ciallachadh ann an co-theacsa mion-chànain?
- Dè tha e a’ ciallachadh ma bhios mion-chànan ‘eu-ciallach’ (asignifiant) agus ma sguireas e ‘d’être représentatif pour tendre vers ses extrêmes ou ses limites’ [de bhith riochdachail airson glèidheadh ri chuid iomallan no chrìochan] (1975: 42, clò Eadailteach bunasach)?
Mus fheuchar ris na ceistean seo a fhreagairt (no, co-dhiù, ri tòiseachadh a’ freagairt nan ceistean seo), ge-tà, feumar sùil a thoirt air àite nam mion-chànan ann an coincheap a’ mhion-litreachais.
Dùbhlain
Nochdaidh trì dùbhlain sa bhad leis a’ mhodail aig Deleuze is Guattari. An toiseach, ann an co-theacsa Iùdhach Pràgach, tha ceist fhollaiseach ga togail mun Iùdhais, am mion-chànan. Tha Deleuze is Guattari a’ dearbhadh nach urrainn ‘mion-litreachas’ ann fhèin a bhith ann ach ann am mòr-chànan — ach cha toir iad fìreanachadh idir dhan tagairt seo. Carson nach b’ urrainn dhan ‘bhàrd Bhreatannach’ agus dhan t‑‘seinneadair Chanadach’ — a dh’ainmicheas iad mar shamhlaidhean de dh’ath-thìreachadh ais-cheumnach — mion-litreachas a chumadh? Tha an diùltadh seo gu sònraichte grànnda leis nach e, an da-rìribh, diùltadh a th’ ann ach magadh air mion-chànain: dearbhaichidh iad nach b’ urrainn do mhion-chànanan dad a chur ri gluasadan rèabhlaideach (1975: 45) agus dealbhaichidh iad an seinneadair Canadach mar a leanas: ‘le chanteur canadien peut aussi faire la reterritorialisation la plus réactionnaire, la plus œdipienne, oh maman, ah ma patrie, ma cabane, ollé, ollé’ [faodaidh an seinneadair Canadach cuideachd an t‑ath-thìreachadh as ais-cheumnaiche, as Oidiopaiche, a dhèanamh, o a mhàthair, o mo dhùthaich, mo bhothan, horò, horò] (1975: 45). Gu ìre, ma-thà, tha an aiste seo a’ diùltadh Deleuze is Guattari fhèin: ’s e a tha mi ag ràdh nach robh na h‑argamaidean aca riamh a’ dèanamh ciall a thaobh mhòr-litreachasan, ach gu bheil gu mòr airson litreachasan ann am mion-chànain — ’s e sin ri ràdh, ann am mion-litreachasan san t‑seagh as mionaidiche.
Tha luchd-breithneachaidh eile a’ dèiligeadh ris a’ cheist seo ann an diofar dhòighean; cha toir mi seachad an seo ach cuid de dh’eisimpleirean. Ann an còmhradh ri Lise Gauvin, diùltaidh am bàrd agus neach-teòiridh Édouard Glissant, à Martinique, an teirm ‘mion-litreachasan’ uile gu lèir: ‘Nous considérons que nos littératures ne sont pas mineures, ni minorées, parce qu’elles sont en contact direct avec la pulsion du monde’ [Tha sinn dhen bheachd nach e mion-litreachasan, no litreachasan air am ‘mionachadh’ (minorées) a tha sna litreachasan againn, oir tha iad a’ beantainn gu dìreach ri buille-chuisle an t‑saoghail] (2010: 67). Cuiridh an neach-breithneachaidh Canadach Catherine Leclerc dùbhlan ris a’ choincheap ann an dòigh eile, ag ràdh gur urrainn do ‘mhion-litreachas’, mar choincheap teòiridheil, ‘devenir l’équivalent d’un parti pris faisant des littératures de langues majeures les seules réceptrices du potentiel de renouvellement des cultures minoritaires ou dominées’ [fàs na chlaon-bhreith a nì de litreachasan ann am mòr-chànain na h‑aon ghlacadairean dhen chomas ath-nuadhachaidh ann am mion-chultaran no cultaran ceannsaichte] (2010: 49).
A thaobh Kafka fhèin, tha Anne Jamison a’ dearbhadh gu bheil an argamaid aig Deleuze is Guattari stèidhichte air ro-bheachd ceàrr: ‘literary and cultural scholars, particularly in the West, long understood Prague’s tiny German Jewish minority to exist in a state of near-total intellectual and cultural isolation from the city’s Czech majority culture’ (2018: 10), rud a thagras Jamison (am measg sgoilearan eile) nach robh fìor. Ged a bha sgaradh cànanach ann gu ìre, agus ged a bha Kafka fhèin (mar phrìomh-riochdaire dhen choimhearsnachd airson sgoilearan litreachasail) na bu chofhurtaile anns a’ Ghearmailtis litreachasail na anns an t‑Seicis litreachasail, ‘[i]t is clear he was highly conversant in Czech’ (Jamison 2018: 29). A bharrachd air a sin, tha beachdan Deleuze is Guattari air a’ Ghearmailtis Phràgaich a’ mì-thuigsinn na bha Kafka fhèin a’ smaoineachadh air cànain: ‘they make the theoretically expedient but historically and linguistically outlandish move of substituting Kafka’s views on Czech and Yiddish for his views on his own relationship to German literature’ (2018: 29). Tha an nòta san leabhar-latha aig Kafka far am bruidhinn e air ‘mion-litreachas’ a’ tòiseachadh le ‘[w]as ich durch Löwy von der gegenwärtigen jüdischen Literatur in Warschau und was ich durch teilweise eigenen Einblick von der gegenwärtigen tschechischen Literatur erkenne’ [na dh’aithnicheas mi bho Löwy mu dheidhinn litreachas Iùdhais an latha an-diugh agus ann am pàirt bho mo thuigse fhìn air litreachas Seicis an latha an-diugh] (Kafka 1976: 151). Nuair a sgrìobh Kafka air ‘kleine Literatur’ no ‘litreachas beag’, ma-thà, cha b’ e ‘mion-litreachas’ san t‑seagh aig Deleuze is Guattari a bha e a’ ciallachadh ach gu litireil ‘litreachasan beaga’, nam measg litreachas na Seicise fhèin (a dhiùltas Deleuze is Guattari).
Fiù ’s ma ghabhas sinn ri Deleuze is Guattari ann a bhith a’ diùltadh na h‑Iùdhaise agus na Seicise, nochdaidh dùbhlan a thaobh liosta nan sgrìobhadairean ‘mion-litreachais’ a thairgeas iad, gu h‑àraid mar a their iad gum feum e bhith ga dhèanamh le mion-shluagh. Tha Kafka ciallach gu leòr, ach às a dhèidh ainmichidh iad James Joyce agus Samuel Beckett, sgrìobhadairean Èireannach a sgrìobh sa Bheurla, le dàimhean teagmhach ri Gàidhlig na h‑Èireann agus ris a’ ‘mhion-shluagh’ ris an ceanglar iad. An uair sin, cuiridh Deleuze is Guattari am filmeadair Frangach-Eilbhiseach Jean-Luc Godard ris an liosta, ged nach eil buntanas sam bith aige ri mion-shluagh no mion-choimhearsnachd (mura h‑eilear a’ cunntadh na h‑Eilbhise mar ‘mhion-choimhearsnachd’), agus ged a chaidh na filmichean aige a chanonachadh gu luath. Còmhla ri Godard molaidh iad an t‑eisimpleir as dùbhlanaiche: Louis-Ferdinand Céline. Chan e a‑mhàin gu bheil Céline na sgrìobhadair canonach ach tha e ainmeil cuideachd mar fhrith-Sheimiticeach nimheil. Ciamar as urrainn do Dheleuze is Guattari na sgrìobhadairean seo — agus Céline gu h‑àraid — a chur ri taobh Kafka, prìomh-eisimpleir an sgrìobhaidh Iùdhaich Phràgaich, ann an roinn a’ ‘mhion-litreachais’? Dè cho feumail ’s a dh’fhaodas an roinn seo a bhith mar inneal-sgrùdaidh mus bi i cho farsaing ’s gun tòisich am mìneachadh aice a’ fàs mì-chiallach (no eu-ciallach)?
Co-cheangailte ri seo, tha contrarrachd eadar Deleuze is Guattari ag iarraidh air luchd-leughaidh ‘[h]aïr toute littérature de maîtres’ [gràin a bhith aca air gach litreachas mhaighstirean] (1975: 48) agus na sgrìobhadairean canonach a mholas iad mar sgrìobhadairean ‘mion-litreachais’. Dè a th’ ann an Kafka, Godard, Antonin Artaud, Céline, Joyce, agus Beckett mura h‑e maighstirean litreachasail? Gu ìre mhòr, ma-thà, chan eil Deleuze is Guattari ach a’ dìon canon sònraichte de sgrìobhadairean a tha a’ còrdadh riuthasan gu pearsanta. An e dìreach co-thuiteamas a th’ ann? No a bheil rudeigin ann am mìneachadh a’ ‘mhion-litreachais’ fhèin a tha a’ bacadh a’ chomais air a bhith ag aithneachadh sgrìobhadairean neo-chanonach mar phàirt dheth?
Mas urrainn do neach sam bith cànan a chleachdadh ann am ‘mion’-dòigh, mar a their Deleuze is Guattari, mura feumar ach faighinn a‑mach ‘[c]omment devenir le nomade et l’immigré et le tzigane dans sa propre langue’ [ciamar a dh’fhàsas neach na iniltear agus na in‑imriche agus na Shiopsach na chànan fhèin] (1975: 35), càit’ a bheil, aig a’ cheann thall, an neart poileataigeach a tha — dhan rèir-san — ri fhaighinn ann am mion-litreachas? Am b’ urrainn dhuinn, nar co-theacsa poileataigeach fhèin, mion-litreachas ‘alt-right’ a lorg? Ma tha Céline a’ cruthachadh mion-litreachas, tha e coltach gum b’ urrainn. Mothaichidh sinn an seo, cuideachd, an dà chuid dhan ìomhaigh dhùbhlanach de dh’iniltear, a tha stèidhichte air gnàth-ìomhaighean Thùsanach ann an Ameireaga a Tuath (faic Byrd 2011: 1–38), agus dhan fhacal-thàir ‘tzigane’, no ‘Siopsach’, a tha ga dhiùltadh le coimhearsnachdan Rroma agus Sindhi.
’S e a tha mise ag argamaid, ma-thà, gum faigh sinn fuasgladh air na trioblaidean seo, no co-dhiù air cuid dhiubh, le bhith a’ tarraing air litreachasan mhion-chànan — agus gu h‑àraid, san aiste seo, litreachas na Gàidhlig — fhad ’s a tha sinn a’ leughadh agus a’ sgrùdadh agus a’ smaoineachadh. San ath-earrainn bheirear sùil air cuid de theacsaichean litreachasail sa Ghàidhlig feuch ciamar a dhèiligeas iad ris na prìomh-dhùbhlain teòiridheil air am bruidhinn Deleuze is Guattari. Bidh mi a’ feuchainn ri sealltainn gur urrainn dha na ceistean mu ‘dì-thìreachadh’, ‘bochdainn-chànain’, agus ‘ciall’ is ‘eu-ciall’ a thogas Deleuze is Guattari — ge b’ e dè na freagairtean a bheir iad fhèin orra — a bhith feumail ann a bhith a’ sgrùdadh theacsaichean Gàidhlig.
Mion-Ghàidhlig?
‘Combien de gens aujourd’hui’, faighnichidh Deleuze is Guattari am meadhan na h‑aiste, ‘vivent dans une langue qui n’est pas la leur ? Ou bien ne connaissent même plus la leur, et connaissent mal la langue majeure dont ils sont forcés de se servir ?’ [Cò mheud duine san latha an-diugh a tha beò ann an cànan nach buin dhaibh? No nach eil eòlach tuilleadh air an fhear aca fhèin, agus nach eil ach beag-eòlach air a’ mhòr-chànan a bheirear orra a bhith a’ cleachdadh?] (1975: 35) Tha an dì-shealbh cànanach air a bhith na phrìomh-chuspair airson sgrìobhadairean Gàidhlig co-dhiù bhon 18mh linn (airson sgrùdadh farsaing riochdachadh na Gàidhlig ann am bàrdachd ‘traidiseanta’ bhon 18mh linn air adhart, faic McLeod 2003). Dh’fhoillsich Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair Ais-Eiridh na Sean Chánoin Albannaich ann an 1751, far an robh e a’ caoidh, san ro-ràdh, gun robh ‘many of their [.i., na Ceiltich agus gu sònraichte na Gàidheil] monuments lost, and the greatest monument of all, the language, entirely neglected’ (Mac Dhonuill 1751: vii). Bha crìonadh no ‘bàs’ na Gàidhlig na thèama leantainneach airson bàird agus sgrìobhadairean: ann an 1883, mar eisimpleir, dh’fhoillsich Niall MacLeòid a cho-chruinneachadh bàrdachd Clarsach an Doire, anns an nochd an dàn ainmeil ‘Am faigh a’ Ghàidhlig bàs?’ far an tog e ceist bàs a’ chànain. Tha an sealladh aige air a’ chùis nas dòchasaiche na tha na seallaidhean aig sgrìobhadairean a thàinig às a dhèidh, agus e a’ dearbhadh aig a’ cheann thall: ‘Cha ’n fhàs an eachdraidh lag le aois, / ’S cha ’n fhaigh a’ Ghàidhlig bàs” (1975: 16). Ged a fhreagras MacLeòid a’ cheist le bhith ga h‑àicheadh, ge-tà, tha e cudromach gun do thog e idir i, agus dh’fhàs i na bu truime ann an inntinnean sgrìobhadairean Gàidhlig sna bliadhnaichean a lean. ’S i a’ toirt iomradh air an dàn “An Tobar” le Ruaraidh MacThòmais, mar eisimpleir, their Emma Dymock: ‘The end of MacThòmais’s poem is far from optimistic; there is the worry that the well will remain overgrown and, by extension, the well and the Gaelic language will no longer be penetrable’ (2011: xi). Ged a dhearbhaicheas Dymock gu bheil an dragh seo anns an 21mh linn ‘perhaps less evident in Gaelic literature than it was back in the 1950s, when MacThòmais wrote his poem’ (2011: xi–xii), theirinnsa gu bheil e làidir fhathast, agus ’s ann air teacsaichean far an nochd e mar phrìomh-thèama a bhios mi a’ toirt sùil san earrainn seo, gus beachdachadh air na ceistean a thog mi shuas, stèidhichte air Deleuze is Guattari.
Tha gu leòr theacsaichean air am b’ urrainn dhuinn a bhith a’ coimhead leis na ceistean seo nar n-inntinn — bàrdachd Ruaraidh MhicThòmais, mar eisimpleir, neo saothair Iain Mhic a’ Ghobhainn, a sgrìobh dàn ann an 1982 a’ toirt freagairt do dhàn Nèill MhicLeòid (Smith 1986: 66–70). Cha dèanar sgrùdaidhean mionaideach an seo, ach bheirear sùil gu goirid air ceithir teacsaichean a sheallas diofar thaobhan de chuspair na h‑aiste aig Deleuze is Guattari; ann an spiorad na gairm a bhith a’ diùltadh ‘litreachasan mhaighstirean’, chan ann air teacsaichean canonach an 20mh linn a bhithear a’ coimhead, ach air teacsaichean co-aimsireil a chaidh fhoillseachadh bho 2003 air adhart: na dàin “Fo Shneachd” is (gu h‑aithghearr) “ain-cianalas” le Mona NicLeòid Wagner, an dàn “Faclan Caillte” le Lodaidh MacFhionghain, agus an nobhail Là a’ Dèanamh Sgèil Do Là le Aonghas Pàdraig Caimbeul.
’S e bàrd agus sgrìobhadair-ficsein Gearmailteach le buntanas do dh’Alba a th’ ann am Mona NicLeòid Wagner; chaidh an dàn aice ‘Fo Shneachd’ fhoillseachadh san leabhar Struileag, co-chruinneachadh de dhàin agus de dh’aistidhean a’ meòrachadh air sliochd nan Gàidheal air feadh an t‑saoghail. Tha ‘Fo Shneachd’ na chnuasachadh cumhachdach air dì-thìreachadh; innsidh neach-labhairt an dàin mu thuras-trèana tro chruth-tìre sneachdail a tha ga thathaich le cànan caillte no falaichte:
mar cneapan air sreang
na h‑ainmean fad an rathaid-iarainnan trèana a’ dlùthachadh
ris na faclan falaichte (2015: 114)
Tha an dàn air fad ga thathaich le faclan, a dh’aindeoin an astair eadar na faclan seo agus an neach-labhairt: gheibh i i fhèin glacte ann an cearcall ‘mu na faclan nach abair mi tuilleadh / mun fhearann nach tadhail mi air tuilleadh’ (2015: 114).
Coltach ri coimhearsnachdan Gàidhlig no Gàidhealach air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, tha a’ Ghàidhlig fo smachd dì-thìreachaidh litireil, agus an raon far a bheil an cànan ga bhruidhinn a’ lùghdachadh gach bliadhna. Anns an dàn, tha an dì-thireachadh seo air ìre a ruigsinn far nach eil ann ach cuimhnichean, lorgan ganna — ainmean-àite Gàidhlig am falach fo Bheurlachaidhean neònach a chaidh a chruthachadh aig diofar amannan tro na linntean, mar eisimpleir — agus mac-talla dhen chànan ‘chaillte’:
agus tha mo chasan eòlach air an talamh fhathast nam bhruadar
agus tha mo shùilean eòlach air an fhàire fhathast nam bhruadar
agus tha mo chluasan eòlach air a’ mhac-talla fhathast
às dèidh dhomh dùsgadh (2015: 114)
Tha ‘Fo Shneachd’ ga sgrìobhadh le mìrean cànain a tha ‘air a[] s[h]uathadh’ — faclan a tha air an còmhdachadh ‘le duslach, le luaithre, le neonitheachd’ (2015: 114), ’s e sin ri ràdh, faclan nach eil gan cleachdadh tuilleadh (ach, ’s dòcha, ann am bruadaran). Aig a’ cheart àm, ge-tà, gheibh am bàrd seòrsa cothruim ùir an seo, ann an dubh-aigeann a’ bhàis-chànain: ged a dhiùltas i an cànan — agus bu chòir a bhith a’ beachdachadh an seo air an abairt a chleachdas Yásnaya Elena Aguilar Gil an àite ‘mion-chànan’: ‘lenguas negadas’ [cànain diùlta] (2017: 60) — chan urrainn dhi teicheadh bhuaithe aig a’ cheann thall, agus nochdaidh a’ bhàrdachd, an ealain, às an diùltadh fhèin, no às an strì airson diùltadh:
ach iadsan [.i., na faclan] a’ snìomhadh mar durragan
mar iongan beaga a’ sgrìobadh
air an duilleag gheal
an trèana a’ ruith seachad air na h‑ainmean air an suathadh
beatha a’ ruith seachad air na spotan dalla
mairidh an t‑acras (2015: 114)
’S e a tha air fhàgail às dèidh a’ chànain, às dèidh fhaclan, ach ‘spotan dalla’ agus ‘acras’ (2015: 114) — falamhachd far nach eil cànan a‑nis, no co-dhiù far nach eil e cho làn no cho beòthail ’s a bha, no a b’ urrainn dha bhith, no a ‘bu chòir’ dha bhith. Ach chan eil an fhalamhachd seo buileach falamh: tha faclan ann fhathast, a’ feuchainn rin sgrìobhadh fhèin ‘air an duilleag gheal’, agus ged a chaidh na h‑ainmean a shuathadh air falbh, agus ged nach urrainn dhan a’ bhàrd am faicinn (agus iad nan ‘spotan dalla’), tha i mothachail dhaibh fhathast, ann an cruth an ‘acra[i]s’. Mar a their i nas tràithe san dàn, mar sin, tha i ‘a’ cuartachadh / mun spot dhall air an dealbh-dùthcha’ (2015:114) — ged a ‘ruitheas’ a beatha seachad air na faclan nach eil aice tuilleadh, ’s ann a thilleas i an-còmhnaidh thuca, a‑rithist is a‑rithist.
San dàn aige ‘Faclan Caillte’, a chaidh fhoillseachadh ann an 2008 sa cho-chruinneachadh Famhair, meòraichidh am bàrd Nuadh-Albannach Lodaidh MacFhionghain air a’ bhochdainn-chànain a chomharraicheas Deleuze is Guattari. Coltach ri Gearmailtis Phràg, tha a’ Ghàidhlig (no nas fheàrr, luchd-labhairt na Gàidhlig) air cuid dhe(m) beartas faclaireach a ‘chall’ — ged a thachair seo ann an suidheachadh gu math eadar-dhealaichte bho Ghearmailtis Phràg, le sgapadh (fòirneartach, ann an Alba) choimhearsnachdan Gàidhlig seach leis a’ chànan ‘bhochd’ a bhith air a sparradh air an t‑sluagh leis an riaghaltas. Ann am ‘Faclan Caillte’, cuiridh MacFhionghain an cèill cuid dhe na teagamhan is draghan a tha air an fheadhainn leis am bu toil Gàidhlig ath-bheòthachadh — ann an Albainn Nuaidh no an àite sam bith eile:
Saoil a’ foighnich
luchd na Beurla
a chaoidh“Gu dé Beurla a th’ agad
air seo no sin?”Saoil a’ foighnich… (2008: 75)
An seo thèid MacFhionghain seachad air a’ Ghearmailtis ‘bhochd’ a chleachd Kafka gus eileachadh (.i., alienation) nuadh-aimsireil fo smachd a’ chalpachais innse: san dàn seo tha an cànan ‘bochd’ ga chleachdadh airson meòrachadh air a’ bhochdainn-chànain fhèin. Tha an dìth fhaclan — cuingealachd-chànain, gun ach cuid bheag de dh’fhaclan san dàn a bhiodh ciallach nan aonar (‘foighnich’, ‘Beurla’), agus faclan-comharrachaidh a leithid ‘seo’ is ‘sin’ gam fàgail gun iomraidhean soilleir — ga tionndadh gu ‘dèinead’ bàrdail. Tha MacFhionghain a’ tarraing ar n‑aire dhan chànan fhèin seach dìreach gu susbaint an dàin — air neo, nas fheàrr, ’s e an cànan fhèin susbaint an dàin. Coltach ri sgrìobhadh Gearmailtis coimhearsnachd Iùdhach Phràg, tha an dà chuid ‘Fo Shneachd’ agus ‘Faclan Caillte’ air an glacadh ann an àite ioma-sheaghach, eadar an do-dhèantachd gun a bhith a’ sgrìobhadh idir; an do-dhèantachd a bhith a’ sgrìobhadh ann an Gàidhlig a tha ann an suidheachadh mì-chinnteach; agus an do-dhèantachd a bhith a’ sgrìobhadh ann an dòigh eile (’s e sin ri ràdh, ann an cànan eile). Mar a dhearbhaicheas Wagner gu searbh san dàn eile aice anns an leabhar Struileag, ‘ain-cianalas’: ‘uaireannan tha ar faclan nas làidire / anns a’ chànan cheàrr’ (2015: 46) — a’ tuigsinn ‘ceàrr’ an seo bho shealladh na Beurla, a dhiùltas rud sam bith a dh’fhaodadh dùbhlan a chur ri ceannas na Beurla mar inneal conaltraidh agus litreachais (faic cuideachd Harrington 2019: 162).
Tha coltas àbhaisteach gu leòr air an nobhail aig Aonghas Pàdraig Caimbeul Là a’ Dèanamh Sgèil Do Là: tha an sgeulachd a’ beachdachadh air atharrachaidhean sòisealta agus sluagh-eòlach ann an coimhearsnachdan Gàidhlig agus, gu sònraichte, san Eilean Sgitheanach. Ri meadhan na nobhaile, ge-tà, gheibh sinn a‑mach gur ann a tha an sgeulaiche, George ‘Seòras’ Stubbs, in-imriche Sasannach chun an Eilein Sgitheanaich a dh’ionnsaich a’ Ghàidhlig mar inbheach, a’ sgrìobhadh bho àm air choreigin am meadhan an 21mh linn, nuair nach eil a’ Ghàidhlig ga bruidhinn idir:
Agus tha rud mòr eile ri ràdh cuideachd, agus ’s e sin gu bheil mi a’ clàradh nan smuaintean seo anns a’ Ghàidhlig, cànan nach tuig duine beò a‑nis bhon a sguir daoine ga bruidhinn o chionn ùine air ais […] (2004: 162)
Gu ìre mhòr, innsidh Seòras dhuinn, ’s esan ‘an Gàidheal mu dheireadh san t‑saoghal’ (2004: 162). Tha an earrann seo gu sònraichte inntinneach an taca ri ceist bàs na Gàidhlig — ’s e sin, am pròiseas tron am fàs a’ Ghàidhlig, ann an dòigh, eu-ciallach gus an sguir i uile gu lèir, às aonais luchd-labhairt, de bhith a’ riochdachadh fìorachd làthaireach sam bith. San t‑sealladh aig Caimbeul air an àm ri teachd tha a h‑uile rud air a choimpiutaireachadh — ach a’ Ghàidhlig. Mar sin, chan urrainn dhan t‑siostam-choimpiutair chruinneil an cànan aithneachadh no riaghlachadh: tro mheadhan na Gàidhlig gheibh Seòras, a chuireas ‘prìosanach-cànain’ air fhèin (2004: 178), rudeigin air am b’ urrainn dhuinn a chantainn, a’ leantainn Deleuze is Guattari, ‘ligne de fuite’ (1975: 49), no ‘loidhne-teichidh’, slighe a‑mach às an spàs chumhang anns a bheil e, slighe nach gabh caibhleachadh taobh a‑staigh an t‑siostaim chruinneil chalpaich anns a bheil Seòras air a ghlacadh. ’S e, mar sin, am mion-chànan fhèin (ga labhairt le mion-shluagh de dh’aonar sa cho-theacsa seo) an t‑inneal as fhreagarraiche gus ‘crìochan’ a’ chànain — a’ ghanntair anns am feum mion-chànain feuchainn ri mairsinn beò — a thuigsinn agus, aig a’ cheann thall, a thar-dhìreadh.
Co-dhùnadh
Dè tha mi ag argamaid an seo, ma-thà? Chan ann a tha mi a’ cumail a‑mach gu bheil a h‑uile teacsa litreachasail Gàidhlig a’ co-fhreagairt ris an tuairisgeul aig Deleuze is Guattari air ‘mion-litreachas’. Tha na gluasadan agus atharrachaidhean sòisealta, poileataigeach, agus cultarail a tha air suidheachadh na Gàidhlig san latha an-diugh a chruthachadh air a bhith a’ dol air adhart fad linntean, ach tha saothraichean nas tràithe, a chaidh a dhèanamh mar phàirt de thraidisean bunasach beul-aithrise agus litreachais, nan toraidhean air àm eadar-dhealaichte agus suidheachaidhean gu math diofraichte; bheir sinn an aire nach ainmich Deleuze is Guattari ach sgrìobhadairean an 20mh linn mar ‘mhaighstirean’ a’ mhion-litreachais. Ach, aig a’ cheàrt àm, am b’ urrainn dhuinn ‘mion-litreachas’ fhaighinn bhon t‑seachdamh linn deug no bho na Meadhan-aoisean? ’S iad seo ceistean nach urrainn dhomhsa a fhreagairt, ach a b’ fhiach, saoileam, a chur. Dè bhiodh ‘litreachas gun mhaighstirean’ a’ ciallachadh ann an co-theacsa far nach eil sinn eòlach air ainm an neach (no nan daoine) a chum an teacsa a tha sinn a’ leughadh?
Tha mi an dòchas gun do sheall an sgeids mhodh-eòlach seo cuid dhe na buannachdan agus cuid dhe na dùbhlain a tha rim faighinn ann an teòiridh litreachasail iar-structarail, gu h‑àraid nuair a nithear freagarrach i airson co-theacsa mion-chànain. Faighnichidh an neach-teòiridh Frangach-Canadach François Paré dheth fhèin:
S’il existe des littératures de l’exiguïté, […] cela entraîne-t-il alors l’existence d’une critique de l’exiguïté? […] Chose certaine, il faut avoir le goût, ces jours-ci, et le courage d’imaginer que le discours du savoir sur la littérature soit autre. (1995: 154)
[Ma tha litreachasan na cumhangachd (exiguïté) ann, […] a bheil siud a’ stiùireadh gu breithneachadh na cumhangachd a bhith ann? […] Rud a tha cinnteach, feumaidh, sna làithean seo, am miann (le goût, gu litireil am blas) agus a’ mhisneachd a bhith againn gus saoiltinn gum faodadh còmhradh an eòlais (le discours du savoir) air litreachas a bhith eadar-dhealaichte.]
’S i seo, cha mhòr, an aon cheist a tha mi a’ feuchainn ri cur san aiste seo. A bheil dad ann an teòiridh a chaidh a chruthachadh ann am mòr-chànan a b’ urrainn a bhith freagarrach dhuinn ann an sgrùdadh litreachasail mhion-chànan? An urrainn dhuinn rudeigin a thoirt (a ghoid, a chanainnsa) aiste a chuidicheas gus saoiltinn, mar a their Paré, gum b’ urrainn ar modhan-breithneachaidh a bhith eadar-dhealaichte?
Ma ghabhar ri naidheachd bheag phearsanta, nuair a bha mi a’ bruidhinn ri fear air a’ chomataidh-thràchdais dhotaireil agam mun chaibideil air an robh mi ag obair, thuirt e rudeigin rium a dh’atharraich gu tur an dòigh anns an robh mi a’ smaoineachadh air na bha mi a’ sgrìobhadh: ‘Tha thu a’ cleachdadh a’ choincheip theòiridheil shònraichte seo, agus tha e soilleir dhomh dè tha e a’ dèanamh airson na h‑argamaide agad, ach dè tha thusa — agus an argamaid agad — a’ dèanamh dhan choincheap seo?’ Tha mi air a bhith a’ feuchainn san alt seo, ma-thà, ri coincheap teòiridheil — ‘mion-litreachas’ — a sgrùdadh feuch dè a dh’fheumte dèanamh dha mus bi e feumail do sgrùdadh litreachasail na Gàidhlig. Agus ’s iad seo na co-dhùnaidhean agam: ma tha sinn ag iarraidh ‘mion-litreachas’ a thuigsinn an da-rìribh, feumaidh sinn an da-rìribh ‘maighstirean’ nam ‘mòr-litreachasan Eòrpach’ (Fraingis, Gearmailtis, Beurla, …) a leigeil seachad agus sùil a thoirt air na mion-chleachdaidhean-cànain a nochdas ann an co-theacsa mion-chànain, oir ’s ann an sin, anns na ganntairean diùlta seo aig ‘iomallan’ nam mòr-chànan — agus ann an sgrìobhaidhean breithneachail a tha an da-rìribh a’ beantainn ri mion-chànain — a gheibh sinn an tuigse sin. Tuigeamaid am facal fhèin, ‘iomallan’ le ìoronas mòr; tha mi a’ smaoineachadh air dàn leis a’ bhàrd Chuimreach Mihangel Morgan air Walter Sutherland, neach-labhairt mu dheireadh na Nòrnaise ann an Sealtainn:
Maen nhw’n dweud taw’r tŷ hwn
Yw’r mwyaf gogleddol.
A’r mwyaf pellennig hefyd, medden nhw, diarffordd.
Pell o ba le? On’d wyf i yma yn barod?
Nid wyf i ar fy ffordd i unman arall.
Dyma fy nghartref,
Canolbwynt creiddiol fy myd.[Tha iad ag ràdh gur e an taigh seo
Am fear as fhaide gu tuath.
Agus am fear as iomallaiche, cuideachd, thuirt iad, às an rathad.
Cò às, iomallach? Nach eil mise an seo mu thràth?
Chan eil mi air an rathad gu àite sam bith eile.
Seo mo dhachaigh,
Teis-meadhan mo shaoghail.] (Morgan 2018, 46)
Le bhith ag ràdh ‘iomallan’ an seo, ma-thà, tha mi a’ ciallachadh iomallan mothachadh nam mòr-chànan agus an luchd-labhairt aca (gu ìre mhòr aon-chànanach), spàsan air nach smaoinich iad idir, no co-dhiù air nach smaoinich iad ach glè bheag.
Ma dh’fhaodas mi tuairmseachadh rud beag, saoil ciamar a bhiodh saothair Deleuze is Guattari eadar-dhealaichte nan robh, canamaid, Breatannais air a bhith aig Deleuze agus Corsais aig Guattari? Cò ris a bhiodh an iar-structaraileachd aca coltach nan robh i stèidhichte air ‘mion-chànan’, seach air fear de chànain is cultaran ceannasach an traidisein nuadh-aimsireil fheallsanachail san ‘Iar’? Ciamar a dh’atharraicheadh (no a dh’ath-chumadh) sùil mhion-chànain a’ phoileataigs radaigeach is rèabhlaideach a tha aig cridhe na saothrach aig Deleuze is Guattari, mar a tha ri faighinn ann an cuid mhòr dhe na feallsanaichean agus dhen luchd-teòiridh san linn a chaidh?
Tha ceistean eile a nochdas ann an Deleuze is Guattari gu sònraichte, cuideachd. Mar eisimpleir, leis gur e luchd-ionnsachaidh a tha ann an cuid chudromach de sgrìobhadairean Gàidhlig an latha an-diugh, gu dè an ìre, mar eisimpleir, a b’ urrainn dhuinn a ràdh gur i a’ Ghàidhlig ‘une langue qui n’est pas la leur’ [cànan nach buin dhaibh] (1975: 35)? Cò dha a tha mion-chànain a’ buntainn? Agus co-cheangailte ri sin, dè tha ‘ùghdarrasachd’ a’ ciallachadh ann an co-theacsa an dà-sheaghachais eadar ‘Gàidheil’ mar mhion-shluagh cinnidheach na Gàidhealtachd agus nan Eileanan, air an dàrna làimh, agus ‘Gàidheil’ san t‑seagh ‘luchd-labhairt na Gàidhlig’, air an làimh eile?
Tha na ceistean seo uile gu math farsaing, agus thèid iad fada air falbh o chuspair an uilt seo fhèin, ach tha mi an dòchas gur urrainn dhaibh slighean-ceasnachaidh teòiridheil ùra fhosgladh fhad ’s a leanas sinn air adhart a’ sgrùdadh agus a’ beachdachadh air litreachasan agus cultaran nan cànan Ceilteach.
Saothair a ceadaíodh
Tùsan air an Tugadh Iomradh
Aguilar, Y.E. (2017) ‘Poesía en lenguas negadas: Una nota sobre la traducción al mixe de un poema de Mahmud Darwish’. Ann an: Interpretatio 2 (2): 57–63.
Byrd, J. (2011) The Transit of Empire: Indigenous Critiques of Colonialism. Minneapolis: University of Minnesota Press.
Caimbeul, A.P. (2004) Là a’ Dèanamh Sgèil Do Là. Inbhir Nis: CLÀR.
Caplan, M. (2011) How Strange the Change: Language, Temporality, and Narrative Form in Peripheral Modernisms. Stanford: Stanford University Press.
Clancy, T.O. (2010) ‘A Fond Farewell to Last Night’s Literary Criticism: Reading Niall Mór MacMhuirich’. Ann an: Munro, G. agus Cox, R.A.V. (deas.) “Cànan & Cultar / Language & Culture: Rannsachadh na Gàidhlig 4. Edinburgh: Dunedin Academic Press: 109–125.
Deleuze, G. agus Guattari, F. (1975) Kafka : pour une littérature mineure. Paris: Éditions de Minuit.
Dymock, E. (2011) ‘Introduction: Modern Gaelic literature: creative and interpretive challenges’. Ann an: Dymock, E. agus McLeod, W. (deas.) Lainnir a’ Bhùirn — The Gleaming Water: Essays on Modern Gaelic Literature. Edinburgh: Dunedin Academic Press: xi–xxiii.
Gillies, W. (2006) ‘On the Study of Gaelic Literature’. Ann an: Byrne, M., Clancy, T.O., agus Kidd, S. (deas.) Litreachas & Eachdraidh / Literature & History: Rannsachadh na Gàidhlig 2. Glaschu: Roinn na Ceiltis Oilthigh Ghlaschu: 1–32.
Glissant, É. agus Gauvin, L. (2010) L’imaginaire des langues: entretiens avec Lise Gauvin, 1991–2009. Paris: Gallimard.
Harrington, N. (2019) ‘“rudan cudromach a ràdh / ann an cànan neo-chudromach”: sgrìobhadh sa Ghàidhlig san latha an-diugh’. Ann an: Bateman, M. agus Cox, R.A.V. (deas.) Cànan & Cultar/Language and Culture: Rannsachadh na Gàidhlig 9. Slèite: Clò Ostaig: 153–164.
Jamison, A. (2018) Kafka’s Other Prague: Writings from the Czechoslovak Republic. Evanston: Northwestern University Press.
Kafka, F. (1976) Tagebücher, 1910–1923. Frankfurt am Main: Fischer.
Leclerc, C. (2010) Des langues en partage ? Cohabitation du français et de l’anglais en littérature contemporaine. Montréal: Éditions XYZ.
Mac Dhonuill, A. (1751) Ais-eiridh na Sean Chánoin Albannaich; no, An nuadh Oranaiche Gaidhealach. Dùn Èideann: gun fhoillsichear.
MacFhionghain, L. (2008) Famhair, agus dàin Ghàidhlig eile / Giant, and other Gaelic poems. Sydney, Nova Scotia: Cape Breton University Press.
MacLeòid, N. (1975) Clàrsach an Doire: Dàin, Orain is Sgeulachdan. Glaschu: Gairm.
McLeod, W. (2003) ‘Language politics and ethnolinguistic consciousness in Scottish Gaelic poetry’. Ann an: Scottish Gaelic Studies 21: 91–146.
Morgan, M. (2018) Hen Ieithoedd Diflanedig. Gun àite: Cyhoeddiadau Barddas.
Paré, F. (1992) Les littératures de l’exiguïté. Hearst: Les Éditions du Nordir.
Smith, I.C. (1986) Towards the Human: Selected Essays. Edinburgh: MacDonald Publishers.
Wagner, M.N. (2015) ‘ain-cianalas’ agus ‘Fo Shneachd’. Ann an: MacNèill, C. (deas.) Struileag: Shore to Shore / Cladach gu Cladach. Edinburgh: Polygon: 45–46 agus 114.