Print and the Celtic Languages: Publishing and Reading in Irish, Welsh, Gaelic and Breton, 1700–1900.
Niall Ó Ciosáin
Oxford agus New York: Routledge (2024) | 206 duilleag | ISBN 9781032647227 | £145
Tha Print and the Celtic Languages air aon de na leabhraichean feumail sin a tha toirt oirnn beachdachadh air cuspair a tha bunaiteach dhuinn uile mar Cheiltich seach mar Albannaich, Breatnaich, Cuimrich no Éireannaich. Ghabhadh a ràdh gum b’ fhearr leis na h-Albannaich beachdachadh air an cuid beul-aithris, na Breatnaich air an cuid òran, na h-Éireannaich air an cuid làmh-sgrìobhainnean, ’s gum bi iad deònach a ràdh, “Ah, leabhraichean clò-bhuailte? Bheir sinn an duais sin do na Cuimrich, ’s fàgaidh sinn aige sin e.”
Ach chan fhaod sinn. Anns an t-saoghal bhon Ath-Leasachadh a-mach, ’s gu h-àraidh as déidh 1700, bha an dà roghainn aig na cànanan beaga. Leabhraichean clò-bhuailte bhith aca, no bàs.
Seadh, thug na Cuimrich barr air na dùthchannan eile. Sin fonn a tha ruith tro Print and the Celtic Languages o thoiseach gu deireadh. Ach chan ann buileach a réir a’ phàtrain a shùilicheadh cuid. Có bha air dheireadh? Na h-Albannaich? Chan iad idir ach na h-Éireannaich, a dh’ainneoin meud an sluaigh bhith air a thomhas ’na mhilleanan – uiread, ’s dòcha, ri na Cuimrich, na Gaidhil Albannaich ’s Breatnaich na Frainge air an cur comhla. Ach a-rithist ’s a-rithist tha sinn a’ faicinn nan Albannach ’s nam Breatnach car air an aon ràmh, an àiteigin sa mheadhan. Rud a chuir iongnadh ormsa.
Faodar Print and the Celtic Languages a choimeas ri leabhar cudromach eile san aon raon do’m bheil Ó Ciosáin a’ toirt urram, The Decline of the Celtic Languages (1983) aig Victor Durkacz nach maireann. Sgaoil Durkacz a lìon thar Alba, Éirinn ’s a’ Chuimrigh, gun gnothach a ghabhail ris a’ Bhreatainn Bhig. Ach nach truagh gun do rinn Ó Ciosáin dearmad cuideachd – an àite dealbh iomlan a thoirt dhuinn, cha do ghabh e gnothach ri Manannais no Cornais.
Feumar aideachadh gu bheil luaidh air a thoirt air na Manannaich aon uair, air son mar a stéidhich iad an litreachadh air modhan na Beurla bho 1707 a-mach. Ach tha fios agam gu bheil rudeigin eile ri ràdh. Thàinig am Bìoball Manannais a-mach ann an 1773, aon 28 bliadhna ron Bhìoball Ghàidhlig. Ciamar a thachair sin?
Agus chan eil a’ Chornais air a h-ainmeachadh idir. Mur tàinig fiùs aon leabhar clò-bhuailte a-mach anns a’ chànain eadar 1700 agus 1900, bha còir aig Ó Ciosáin air siud innse dhuinn, agus mìneachadh car son. Cha toireadh e ach duilleag no dhà.
Tha Print in the Celtic Languages a’ tòiseachadh le caibideil air amasan agus tùsan. Tha Ó Ciosáin a’ mìneachadh dé tha e ciallachadh le ‘clò anns na cànanan Ceilteach’: mar as trice, leabhraichean le co-dhiù ceithir duilleagan, air an amas air fìor choimhearsnachdan seach luchd-ionnsachaidh no àrsairean.
Tha e an uair sin a’ tionndadh gu ceistean mu leughadh agus sgrìobhadh. Tha dà sheòrsa leughaidh ann: leughadh sàmhach aon duine, mar tha bitheanta an-diugh, agus leughadh os n-aird do chàch, a bha bitheanta sna làithean sin. Cuideachd tha Ó Ciosáin a’ deanamh sgaradh eadar intensive reading, far an robh an aon teacsa ga leughadh a-rithist ’s a-rithist, agus extensive reading, far an robh diofar theacsaichean gan leughadh uair a-mhàin.
Tha argamaid ann gun deach sgilean leughaidh sna cànanan Ceilteach a mhilleadh le teagasg Beurla no Fraingeis, ach chan eil Ó Ciosáin a’ gabhail ri seo. Nan ionnsaicheadh duine Beurla no Fraingeis a leughadh, tha e ’g ràdh, nach ann a cheadaicheadh sin dha a’ chànan mhàthaireil a leughadh móran na b’ fhearr – ’s thigeadh e a-nuas an uair sin gu stuth-leughaidh a chur air dòigh sa chànain bhig. Sin far an robh aig na h-ughdarrasan ri an inntinn a dheanamh suas. Sin as coireach, cuideachd, gu bheil stiùireadh Beurla no Fraingeis ann an iomadh seann leabhar Gàidhlig, Gaeilge, Cuimris agus Breatnais a thaobh a’ chànan mhàthaireil a leughadh. Agus seo far a bheil ceistean a’ nochdadh mu litreachadh agus mu chlò (‘litir dhubh’ don Chuimris, corra-litir don Ghaeilge, clò Ròmanach don a h-uile duine). Chuir e iongnadh orm ionnsachadh mu na sia diofar mheasgachaidhean de chlò ’s de litreachadh a bh’ aig a’ Ghaeilge uaireigin – corra-litir le giorrachaidhean no ás an aonais, clò Ròmanach le giorrachaidhean agus ás an aonais, ’s a leithid. Don Ghàidhlig/Ghaeilge (bha an leabhar a chuir e mach ann an 1567 air amas air an dà dhùthaich) thagh Seon Carswell clò Ròmanach agus litreachadh tradiseanta gun ghiorrachaidhean, agus lean sin aig a’ Ghàidhlig gu meadhan an 18mh ceud, an uair a thug an dà Alastair – MacPharlain agus mac Mhaighstir Alastair – iomadh atharrachadh air an litreachadh gu thoirt na b’ fhaisge air cainnt nan daoine.
Chaidh oidhirpean a dheanamh ann an Gaeilge, Cuimris agus Breatnais gu barrachd feum a dheanamh de litrichean ‘coimheach’ mar ‘k’ agus ‘z’ – chaidh le seo na b’ fhearr ann am Breatnais na anns na cànanan eile, mar a chì sinn ann an litreachaidhean mar Kemper (Quimper) agus an leabhar ainmeil Barzaz Breiz (1839). Tha Ó Ciosáin a’ cumail a-mach nach do thachair sin riamh ann an Gàidhlig, ach chan eil siud buileach fìor, oir dh’ùisnich Iain Mac an Deòir (1802–72) ‘k’, ‘v’ agus ‘y’ anns an làimh-ghoirid aige. Ach bha sin ann an làmh-sgrìobhainnean, agus feumar aideachadh gun do lean e an litreachadh àbhaisteach anns na sgrìobhaidhean nas lìomhte aige.
Bhon a dh’ainmich mi Mac an Deòir, tha cho math dhomh cur ris cho coltach ’s a tha na làmh-sgrìobhainnean aige ri leabhraichean clò-bhuailte, le tiotalan foirmeil, cinn-ruith, deas-cheartachadh agus notaichean-coise. B’iad na leabhraichean clò-bhuailte na h-aon mhodailean a bh’ aige, oir cha deach e riamh don sgoil, agus dh’ionnsaich e leughadh agus sgrìobhadh dha fhéin.
En passant cuideachd, tha mi rud beag mì-chomhartail leis mar a tha Ó Ciosáin a’ cleachdadh an fhacail ‘phonetic’ mar gun robh e co-ionann ris a’ Bheurla. Nach robh a h-uile cànan Eòrpach ‘phonetic’ a réir a riaghailtean fhéin anns a’ chiad dol a-mach, ’s nach robh a’ mhórchuid de chànanan an uair sin air an leasachadh gu an gléidheil dìleas do na riaghailtean sin? Ach a-mhàin nach do thachair an leasachadh sin anns a’ Bheurla, ’s gabhaidh a ràdh nach do thachair e san Fhraingeis na bu mhotha.
Tha caibideilean 3 agus 4 a’ toirt cunntais air na leabhraichean ’s na h-irisean a thàinig a-mach sna ceithir cànanan ro 1800 ’s as a dhéidh. Bha a’ mhórchuid dhiubh co-cheangailte ri creideamh, ach tha diofaran ann. Ann an trì de na dùthchannan, bhuineadh a’ chuid mhór den t-sluagh don aon chreideamh ri’m maighistearan. Cha b’e siud do dh’Éirinn e, ’s bha buaidh aige sin orra. Cuideachd chan eil mi riaraichte gu bheil Ó Ciosáin a’ toirt suim gu leór don bhochdainn, a bha dualtach a bhith na bu mhiosa an Éirinn na anns na dùthchannan eile. Ma ghléidh na Cuimrich an duais anns a h-uile réis, le na h-Éireannaich aig a’ bhun ’s na Gaidhil Albannach ’s na Breatnaich sa mheadhan, nach eil sin ’na sgàthan air cor sòisealta nan dùthchannan? Ma tha daoine a’ toirt aghaidh air acras ’nam beatha làitheil, nach iarr iad arain seach leabhraichean no irisean?
Saoil a bheil buaidh aig dòigh-obrach Uí Chiosáin air na codhunaidhean aige, oir tha e ag ràdh gu soilleir aig an toiseach: ‘I have limited the analysis to items of four pages or over, since anything smaller is ephemeral and difficult to count.’ Tha e ag ràdh gun robh leabhrain de dh’òrain shaoghalta anns an robh ceithir, ochd no 16 taobh-duilleagan ’nan eileamaid chudromach de chultar a’ chlò anns a’ Chuimrigh ’s anns a’ Bhreatainn Bhig, ach gun robh a leithid a dhìth, cha mhór, air Gaidhealtachd na h-Alba ’s air Éirinn. Nach truagh nach tug e luaidh air ‘Baileadan Inbhir Aora’ a thug Pàdraig Mac an Tuairneir a-mach mu 1809. A bheil eisimpleirean Éireannach ann no nach eil? Mar ughdar Print and Popular Culture in Ireland, 1750–1850 (1997), sann aigesan as fhearr a tha fios. Ach tha an t-adhbhar furasta gu leór aithneachadh, saoilidh mi. Bha Gaeilge air aon de na cuspairean a bha maighstirean-sgoile ‘claí’ a’ teagasg, ’s bha móran dhiubh ’nam filidhean sa chànain. Leughadh, sgrìobhadh agus dh’ùisnicheadh iad làmh-sgrìobhainnean. A thaobh Gaeilge, ’s beag feum a bh’ aca air clò. Nuair bha mise fàs suas an Glaschu na 50an chithinn corra bhara sna sràidean far an robh leabhraichean gan reic. ’Nam measg bhiodh leabhraichean Gàidhlig agus làmh-sgrìobhainnean Gaeilge.
Chan eil teagamh ge-tà nach robh na Cuimrich fada air thoiseach air càch. Gun phriobadh sùla, tha Ó Ciosáin ag ràdh gun do mhair aon iris dhiadhaidh Chuimris bho 1809 gu na 1980an, t’éile bho 1818 gu na 1980an, t’éile bho 1821 gu 1968, t’éile bho 1831 gu 1968 (an uair a thàinig na dhà sin comhla), agus t’éile bho 1835 gu na 1980an. Tha e follaiseach gun robh a’ Chuimrigh ’na dùthaich air leth.
Tha caibideil inntinneach ann air leughadairean, fo-sgrìobhaidhean agus measgain ann an Cuimris, Gàidhlig agus Gaeilge. Tha liostaichean nam fo-sgrìobhadairean ag innse dhuinn có bha a’ leughadh (no co-dhiù a’ ceannach) leabhraichean. Tha Ó Ciosáin a’ coimeas an t-suidheachaidh ri suidheachadh nan leabhraichean Beurla. Tha e a’ cur a chorraig air suirbhidh de 700 leabhar anns an robh fo-sgrìobhadairean air an liostadh, a’ chuid as motha dhiubh Beurla, ás an 18mh ceud: b’e àireamh chuibheasach nam fo-sgrìobhadairean 245. Ach de na liostaichean a sgrùd Ó Ciosáin fhéin, tha an fheadhainn Chuimris a’ sìneadh bho 187 gu 1,045, ’s an fheadhainn Ghàidhlig bho 673 gu 1,680, a tha iongantach. Gu mì-fhortanach cha robh e ’na chleachdadh idir anns an Fhraing, no anns a’ Bhreatainn Bhig, a bhith a’ foillseachadh liostaichean den t-seòrsa.
Tha e follaiseach gur e tuathanaich agus luchd-ciuirde – figheadairean, greusaichean, clachairean, goibhnean ’s an leithid – bu mhotha a bha ceannach nan leabhraichean Cuimris, Gàidhlig agus Gaeilge. Tha Ó Ciosáin ag ùisneachadh mapaichean gu cur air shùilean dhuinn càit’ an robh na fo-sgrìobhadairean aig leabhraichean sònraichte. Anns a’ Chuimrigh agus ann an Éirinn bha iad cuingealaichte ri pàirt den dùthaich, air adhbharan cliù agus dualchainnte. Ann an Albainn, a réir nam mapaichean, bha iad na bu sgaoilte air feadh na dùthcha, ach tha mi rud beag teagmhach, oir chan eil Ó Ciosáin a’ comharrachadh ach àiteachan far an robh co-dhiù trì fo-sgrìobhadairean. Tha sin a’ cur cus cudrom air na bailtean móra, a’ fàgail bailtean-fearainn gun chunntas. Tha obair air na fo-sgrìobhadairean aig Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir a’ dol air adhart fhathast (chunnt Ó Ciosáin iad, ’s bha 1,480 aige don leabhar a chuir e mach ann an 1790). Aig a’ cheann thall bidh e inntinneach fhaicinn a bheil Ó Ciosáin ceart, no an ann am bailtean dùthchail Earraghaidheal a bha a’ mhórchuid de na leughadairean aig Donnchadh Bàn – pàtran coltach ri Éirinn ’s a’ Chuimrigh.
Tha caibideil ann mu leabhraichean de shailm, de laoidhean ’s de dh’òrain chràbhaidh, ’s tha siud gar toirt don ath fhear, mu cheanglaichean eadar-dhùthchail, oir thug Pròstanaich Alba oidhirp air an soisgeal a thoirt gu Caitligich Éirinn ’nan cànain fhéin, ’s rinn Pròstanaich na Cuimrigh an aon rud sa Bhreatainn Bhig – a’ cleachdadh leabhraichean, mar bhios miseanaraidhean a’ deanamh daonnan. Tha Éirinn iongantach. Thug Dónall Ó Conaill (seadh, ‘an Fuascailteoir’) beumannan air na comainn Bhìobaill air sgàth ’s mar a chosg iad £8,000 air Bìobaill ‘nuair a bha fios aig na h-uile gur ann tro leughadh na Beurla a bha de chomas aig cuid caractar na Gaeilge a leughadh, agus nach robh an tuath comasach air Gaeilge a leughadh idir’. Tha Ó Ciosáin a’ cur a chorraig air ‘caractar’ – tha Ó Conaill a-mach air corra-litir (nan làmh-sgrìobhainnean?), chan eil e ciallachadh nach gabhadh a’ Ghaeilge leughadh ann an clò Ròmanach. Ach bha Ó Conaill (ge Ciarraigheach e) dall ri dualchas, agus coma mu chànan. Chan fhaiceadh e ach bochdainn.
Tha e coltach, cuideachd, gun robh Eaglais Chaitligeach na h-Éireann a’ feitheamh ri atharrachadh mór cànain a roghainn air stuth-leughaidh a chur air dòigh don mhórchuid den choitheanal aice. Mar sin, cha do dh’fhoillsich iad Bìoball clò-bhuailte ro dharna leth an 20mh linn. Agus bha buaidh nam miseanaraidhean air a’ Bhreatainn Bhig na bu làidire fhéin, a réir choltais. B’e Pròstanaich a bh’ air cùl gach eadar-theangachadh de na sgriobtaran gu Breatnais, ’s chan eil Ó Ciosáin ag innse dhuinn cuin a thàinig Bìoball Caitligeach Breatnais gu bhith idir. B’ fhearr leis na Breatnaich na ‘kantikoù’ aca (laoidhean).
Tha caibideil ann air na leabhraichean ’s na h-irisean Cuimris, Gàidhlig agus Gaeilge a chaidh fhoillseachadh ann an Ameireaga a-Tuath agus Astràilia (chan eil dad a ghabhas a ràdh, a réir choltais, mun Bhreatnais a thaobh sin). Tha Ó Ciosáin a’ mìneachadh gun robh diofar eadar suidheachadh na Cuimris agus na Gàidhlig air an darna taobh, agus na Gaeilge air an taobh eile. Thug na Cuimrich agus na Gaidhil Albannach an creideamh sònraichte aca fhéin leotha, agus dh’fhuirich iad ’nan coimhearsnachdan dlùth, eadar ’s gur ann am bailtean mèinneadaireachd mar Scranton ann am Pennsylvania no ann an sgìrean dùthchail ann an Carolìna no ann an Alba Nuaidh. Mar sin bha irisean agus leabhraichean aca ’nan cànain fhéin. Ach thigeadh na h-Éireannaich gu bailtean móra mar bha New York agus Boston far an robh eaglaisean Caitligeach le coitheanalan stéidhte romhpa, aig an robh a’ Bheurla ’s an Laideann mar chànanan. Mar thoradh, bha glé bheag de leabhraichean ’s de dh’irisean Gaeilge ann.
Agus rud beag eile. Tha Ó Ciosáin ag innse dhuinn mu iris Éireannach leth-Ghaeilge, leth-Bheurla, An Gaodhal. Bhiodh an deasaiche, Mícheál Ó Lócháin, a’ cleachdadh clò Ròmanach don Bheurla agus corra-litir don Ghaeilge. Ann am faclan eile, a réir Uí Chiosáin, bha ‘eadar-dhealachadh nàiseanta’ na bu chudromaiche dha na sìmplidheachd agus feumalachd. ’S bha a bhuil aige. Thàinig an latha a theirig an litir ‘a’ air an duine bhochd. Anns an staing seo, chleachd e ‘á’ an àite ‘a’ air feadh pìos bardachd, no a’ chuid bu mhotha dheth. Dh’fhàg siud a’ bhardachd gun chiall!
’S cha b’e sin a-mhàin. Bha irisean Cuimris agus Gàidhlig air dà thaobh a’ chuain, ’s móran annta uile mu eilthireachd – mar ghabhadh a toirt gu buil, ’s mu bheatha nan eilthireach san dùthaich ùir. Mar sin, tha Ó Ciosáin ag ràdh gun gabhadh pròiseas na h-eilthireachd a choileanadh tron Chuimris no tron Ghàidhlig bho thoiseach gu deireadh. Cha b’e siud do na h-Éireannach e. Mura robh Beurla aca, bha iad gun taice san t-saoghal eagallach seo.
Tha Niall Ó Ciosáin ri mholadh air son mar a tha e a’ làimhseachadh eachdraidh nan leabhraichean sna ceithir cànanan air dòigh cho sgileil ’s nach do mhothaich mise riamh do mhì-chothrom sam bith thighinn eatarra. Tha Print and the Celtic Languages ’na leabhar cudromach, dubhlanach, deagh-rannsaichte, deagh-sgrìobhte, mar a bhiodh dùil on ughdar seo. Bidh e ’na leughadh riatanach do sgoilear sam bith ás na ceithir dùthchannan aig a bheil ùidh anns na dlùth cheanglaichean eadar creideamh, foghlam, cànan agus eachdraidh sna bliadhnaichean 1700 gu 1900. Le bhith sgrùdadh nam bliadhnaichean sin, tha Ó Ciosáin gar deasachadh do gach strì, aimhreit, buaidh agus call a thàinig ar rathad eadar 1900 agus 2000.
Raghnall MacilleDhuibh