Hidden Harmonies: Manuscript and Print on the North Atlantic Fringe, 1500–1900

Matthew James Driscoll agus Nioclás Mac Cathmhaoil (eag.)

Museum Tusculanum Press (2021) | 550 lch | ISBN: 9788763546881 | $60.00

1 Tha an léirmheasair seo a’ creidsinn gu bheil còir aig a h-uile leabhar a bhith eireachdail, ach gu bheil còir air leth aig leabhraichean mu leabhraichean a bhith eireachdail. Agus tha seo fìor mu Hidden Harmonies. Tha e ’na leabhar air leth eireachdail, eadar clò deagh-thaghte, clò-sheatadh tarraingeach, agus na h-ìomhaighean dathte de dhuilleagan làmh-sgrìobhainnean a tha sgapte air fheadh. ’S iad as taitniche leamsa air fad na h-ìomhaighean de dhuilleagan far a bheil e cha mhór do-dhèanta deanamh a-mach an e làmh-sgrìobhadh neo clò a tha ri fhaicinn annta. Abair hidden harmonies!

2 Bheir mi iomradh an toiseach air na trì aistean deug anns an leabhar, anns an ordan sa bheil iad a’ nochdadh, agus an uair sin bheir mi seachad beachd no dhà a tha ag éirigh ás a’ chruinneachadh. Sann sa Bheurla a tha na h-aistean (neo caibidealan) air fad.

3 An toiseach, a’ coimhead a-mach bho Ìoslainn gu dùthchannan eile an ceann a-tuath na Roinn Eòrpa, tha Jürg Glauser a’ leigeil fhaicinn mar a lean làmh-sgrìobhainnean agus leabhraichean clò-bhuailte a’ biadhadh far a-chéile fad cheudan bhliadhnachan. Tha e a’ beachdachadh air mapaichean, sgeadachadh agus peantadh cho math ris an fhacal sgrìobhte. Agus tha Deirdre Nic Mhathúna a’ sgrùdadh aon eisimpleir de dhualchas na làmh-sgrìobhainn, a’ bhardachd aig Piaras Feiritéir. Bha e beò bho c. 1600 gu timcheall air 1652 an uair a chaidh a chrochadh leis na Sasannaich. Tha a h-uile nì as aithne dhuinn mu dheidhinn mar bhard, seach mar phearsa eachdraidheil, a’ tighinn thugainn bho làmh-sgrìobhainnean an 18mh ’s an 19mh ceud.

4 Tha Guðrún Ingólfsdóttir a’ toirt cunntais tharraingich air làmh-sgrìobhainn phearsanta a bh’ air a cumail le bean-taighe Ìoslainneach, Guðrún Jónsdóttir á Sandhólar (1741–96). Tha an leabhar làmh-sgrìobhte seo ’na sgàthan air iomadh taobh dh’a beatha: rannan draoidheach, òrrthachan, rabhadh do mheirlich, bardachd mu phòsadh, mu nàdar nam ban ’s mu shòlas, bardachd mhoralta, aoirean, cràbhadh agus eile. Tha Katarzyna Anna Kapitan a’ sgrùdadh eachdraidh theacsachail aon sgeòil, Hrómundar saga Greipssonar, mar a tha e a’ nochdadh ann an làmh-sgrìobhainnean a thugadh bho leabhraichean clò-bhuailte a dh’fhoillsicheadh ann an 1737 agus 1829–30. An robh barrachd ughdarrais, tha Kapitan a’ faighneachd, aig an teacsa chlò-bhuailte na aig teacsa a thugadh bho làmh-sgrìobhainn? Tha e coltach nach robh. Bha an teacsa air a ghiollachd a réir dé am feum a bha gu bhith air a dheanamh dheth.

5 Tha Liam Mac Mathúna a’ sgrùdadh dà làmh-sgrìobhainn a thàinig o làmh an Àth-Chliathaich fhoghlamaicht’ ud Tadhg Ó Neachtain (1671–1752), aon dhiubh mu eachdraidh ’s cruinneòlas ’s an t’éile mu chreideamh, ach iad le chéile làn ghnothaichean pearsanta ’s naidheachdan an latha. Gu nàdarra, tha móran de na th’ annta a tha stéidhte air tobraichean clò-bhuailte, ach tha móran nach eil. Agus le bhith a’ coimeas obraichean triùir bhard a bha beò mun aon àm, Hallgrímur Pétursson (1614–74), Stefán Ólafsson (1618/19–1688) agus Bjarni Gissurarson (1621–1712), tha Margrét Eggertsdóttir a’ sgrùdadh nan ceanglaichean eadar foillseachadh, marsainneachd agus féilleileachd theacstaichean litreachais ann an Ìoslainn an 17mh ceud.

6 Tha M. J. Driscoll a’ cur fìor ghaisgeach an aithne dhuinn: Magnús Jónsson í Tjaldanesi (1835–1922), a thug a h-uile mionaid shaor dh’a shaoghal a’ sgrìobhadh. Dh’fhàg an duine iongantach seo lethcheud làmh-sgrìobhainn mhór againn dha’n do chuir e a h-uile sàga a thigeadh fo làimh. Tha e coltach gun robh e a’ feuchainn ri gach sàga a bha ann am bith an Ìoslainn ri linn a chur sìos air pàipear – chan ann gu bhith air an clò-bhualadh idir, anns a’ bheachd aig Driscoll, ach dìreach gu bhith air an gleidheadh. Bhiodh e a’ cur an gnìomh gnàthsan nan leabhraichean clò-bhuailte – ro-ràdhan, clàir-innse, tiotalan-ruith ’s an leithid, ach cha robh meas air leth aige do thobraichean clò-bhuailte idir. Mar a tha Driscoll ag ràdh, cha robh e den bheachd gum bu chòir na briathran aig teacsta a bhith daingeann no suidhichte. Cha robh anns na briathran am beachd Jónsson ach búningr, ‘an t-aodach’. Se feallsanachd na beul-aithris a tha seo – oir, mar tha sinn a’ leughadh uair bho uair ann a Hidden Harmonies, se feart gach leabhair chlò-bhuailte bhon Bhìoball a-mach gu bheil iad a’ toirt dhuinn daingneachd seach iomluas bhriathran.

7 Tha a’ chaibideal aig Peadar Ó Muircheartaigh ’na fianais air neart na làmh-sgrìobhainn ann an Éirinn Ghaidhealach. Cha deach móran chruinneachaidhean de bhardachd Ghaeilge a chlò-bhualadh anns an 18mh ceud, agus cho luath ’s a thàinig iad a-mach chaidh na bh’ annta fhilleadh a-staigh do làmh-sgrìobhainnean. Agus anns a’ chaibidil a leanas, an aon té san leabhar mu Alba, tha Ulrike Hogg a’ sealltainn mar a bha a’ Ghaidhealtachd, a thaobh làmh-sgrìobhainnean, air a roinn ’na dà leth ann an linn an leabhair chlò-bhuailte: na h-eileanan (ach a-mhàin Leòdhas) agus Earraghaidheal, far an robh a’ chorra-litir ’s a’ Ghàidhlig chlasaigeach ’nan rìgh; agus an corr de thir-mór, far am bite a’ cleachdadh ‘làmh rùnaire’ an latha agus litreachadh stéidhte air Beurla.

8 Anns a’ chaibidil aigesan, tha Pádraig Ó Macháin a’ cur faclan nan teacstaichean an dara taobh ’s a’ coimhead air leasachaidhean ann an dualchas na làmh-sgrìobhainn ann an linn a’ chlò – pàipear, comharraidhean-uisge, agus gach seòrsa sgeadachaidh. Tha Meidhbhín Ní Úrdail a’ sgrùdadh a’ bhuntanais eadar làmh-sgrìobhadh agus clò ann an làmh-sgrìobhainnean Éireannach ás an 18mh ’s an 19mh ceud. Tha Þórunn Sigurðardóttir a’ sgrùdadh a’ ghluasaid bho làmh-sgrìobhadh gu clò, agus bho ‘gun urra’ gu ughdarrachd aithnichte, ann an Ìoslainn an déidh an Ath-Leasachaidh. Agus mu dheireadh, tha Seán D. Vrieland a’ cur suidheachadh cànain nan Eileanan Fàro an aithne dhuinn. Tha litrichean agus còirichean-fearainn sgrìobht’ againn ann am Fàrothais bho na 13mh agus 15mh ceudan, ach chaidh i a-mach á sealladh cha mhór gu tur gus an do nochd i a-rithist ann an saoghal nan leabhraichean clò-bhuailte as déidh 1800. Sgrìobh Jens Christian Svabo (1746–1824) mun chànain agus chruinnich e òrain ’s faclan. Sgrìobh Rasmus Rask (1787–1832) gràmar Fàrothais. Sann mun àm seo a rugadh litreachas ùr nàiseanta, le òrain agus aoirean, agus rinneadh toiseach-tòiseachaidh air am Bìoball eadar-theangachadh. Chaidh òrain agus sgeulachdan a chruinneachadh ach an nochdadh iad ann an leabhraichean a bha gu bhith air am foillseachadh ann an Copenhagen. Agus air muin seo, thòisich muinntir nan eileanan a’ cruthachadh làmh-sgrìobhainnean dhaib’ fhéin. Mar sin, ann an ruith thrì ghinealaichean, eadar 1800 agus 1900, thug cànain nan Eileanan Fàro cruinnleum bho bhith air a cluinntinn ach gun a faicinn gu cultar beòthail làmh-sgrìobhte ’s clò-bhuailte a bhith aice.

9 A’ leughadh nan aistean seo uile, ’s gu sònraichte an té mu dheireadh a tha seo, thàinig e staigh orm gu bheil móran ann an cumantas eadar Éirinn agus Ìoslainn air an dara taobh, agus eadar Gaidhealtachd na h-Alba agus na h-Eileanan Fàro air an taobh eile. Bha aon dòigh-labhairt ann (aig Ó Muircheartaigh) a leum far na duilleig orm – ‘an ideology of manuscript’. Bha an t-ideòlas sin aig Ìoslainn ’s aig Éirinn; ann an Ìoslainn, a réir Glauser, mhair an sàga beò mar genre litreachais eadhan gu linn an réidio anns na 1920an. Bu dual dhaibh le chéile an t-ideòlas seo, oir bha e aca, gun sgur gun abhsadh, a-nuas bho na meadhan aoisean. Bha e ’na dhòigh gu cumail air chuimhne có iad ’s có bu daoine dhaibh. Agus mar thoradh, chaidh am Bìoball fhoillseachadh ann an Ìoslainnis ann an 1584, agus ann an Gaeilge ann an 1690. (Bha 1690 reusanta tràth, as déidh ceud bliadhna de mhurt ’s de mhiapadh ann an Éirinn.)

10 Thug mi an aire do iomadh nì a tha aig na h-Eileanan Fàro agus Gaidhealtachd na h-Alba ann an cumantas. Bha Fàrothais air a meas an toiseach ’na dualchainnt do dh’Ìoslainnis; thàinig i an uair sin fo spòg na Danmhargais. Bha a’ Ghàidhlig air a meas an toiseach ’na dualchainnt dhan Ghaeilge; thàinig i an uair sin fo spòg na Beurla. Mar thoradh, bha am Bìoball uabhasach fada gun tighinn: cha robh làn Bhìoball Gàidhlig ann gu 1801. Sann mun àm sin fhéin a thòisicheadh a’ beachdachadh air am Bìoball eadar-theangachadh gu Fàrothais – tha Vrieland ag innse dhuinn gun robh an Soisgeul a réir Mata ri fhaotainn ann an clò ann an 1823, agus tha Wikipedia ag innse dhomh nach robh am Bìoball Fàrothais air fad ri fhaotainn ann an clò gu 1949.

11 Car son a thug e cho fada? A-rithist, duilgheadasan ann an cumantas. Bha dà sheòrsa sgriobt aig Fàrothais, an Ròmanach (‘Italic’) agus an Kurrent. Bha dà sheòrsa sgriobt aig Gaidhealtachd na h-Alba, an Gaidhealach ’s an Ròmanach. A-rithist, an siostam litreachaidh: bha dà sheòrsa litreachaidh aig Fàrothais, aon stéidhte air Ìoslainnis ’s am fear eile air Danmhargais. Bha dà sheòrsa aig a’ Ghàidhlig, aon stéidhte air a’ Ghaeilge (neo a’ Ghàidhlig chlasaigeach mar a b’ fhearr dhomh a ràdh) agus aon air Beurla.

12 Thug mi an aire do shnàithleanan eile a bha a’ ruith tro na h-aistean. Le cànanan móra, leithid na Beurla, na Fraingis ’s na Gearmailtis, faodar eachdraidh litreachais agus foillseachaidh a leantainn gun tuisleachadh air cànanan eile (ach a-mhàin far a bheil leabhar cho ainmeil ’s gu bheil e air eadar-theangachadh gu cànan choimheach, a’ meudachadh a chliù gu ìre, ach siud ceist eile). Le cànanan beaga, air uairean tha cànanan coimheach ag èalaidh a-staigh gu cridhe ghnothaichean. Mar as lugha a’ chànan, sann as coltaiche seo tachairt. Tha an fhianais ri fhaotainn anns na h-aistean aig Kapitan, Ó Muircheartaigh agus Vrieland, agus bhitheadh anns an té aig Hogg cuideachd mura b’e gun do sgrìobh i mu làmh-sgrìobhainnean a-mhàin, gun tarraing a thoirt idir air leabhraichean clò-bhuailte. Tha Sàr Obair nam Bard Gaelach (1841) aig Iain MacCoinnich ’na eisimpleir shuaicheanta: sann an Gàidhlig a-mhàin a tha a’ bhardachd, ach sann am Beurla a-mhàin tha na h-iomraidhean air beatha nam bard. Lean an cleachdadh neònach seo fad 150 bliadhna eile ann an leabhraichean gun àireamh: bardachd Ghàidhlig (gun eadar-theangachadh) agus rosg Beurla (gun eadar-theangachadh) eadar na h-aon chomhdaichean.

13 Tha diofar iongantach eadar Alba ’s Éirinn anns an 18mh ceud. Ann an Éirinn bha dualchas na bardachd air a chur air adhart tro làmh-sgrìobhainnean, agus sin gu beòthail. Ann an Alba, bho 1751 a-mach, bha e air a chur air adhart tron fhacal chlò-bhuailte, agus sin, a-rithist, gu beòthail. Tha Ó Muircheartaigh a’ cur a chorraig air dà leabhar chlò-bhuailte a-mhàin de bhardachd Ghaeilge ás an 18mh ceud, ach chaidh an deasachadh bho thaobh a-muigh an dualchais – mar annas mar gum b’eadh, agus le eadar-theangachaidhean Beurla – le fear Charles Henry Wilson (c. 1756–1808). Ann an Alba bha na dusain de chruinneachaidhean clò-bhuailte ann ’s iad air an cur a-mach, air muin fo-sgrìobhaidhean, gun eadar-theangachaidhean, leis na baird fhéin, le sliochd nam bard, neo le luchd-cruinneachaidh bho thaobh a-staigh an dualchais. Agus sann bhon aon luchd-cruinneachaidh sin a thàinig a’ mhórchuid de na làmh-sgrìobhainnean Gàidhlig a bhuineas do na bliadhnachan 1750–1800.

14 Snàithlean eile (ge goirid e): a réir Driscoll, mar a thubhairt mi, bhiodh Magnús Jónsson a’ leantainn gnàths nan leabhraichean clò-bhuailte sna làmh-sgrìobhainnean aige, ach gun smuaint sam bith gum biodh iad air an clò-bhualadh – ’s a réir choltais cha robh. Ach tha Vrieland ag ràdh: “Many of the Faroese manuscripts produced during the nineteenth century were done so with the goal of print in mind, which shines through in their mise-en-page – clear titles, explanatory notes and, at times, a distinction between script types.” A bheil Driscoll agus Vrieland le chéile ceart? Nan tigte gu deasbad, thaobhainn ri Driscoll, oir ann an Alba, sgrìobh Iain Mac an Deòir (1802–72) corr agus 4,000 duilleag de làmh-sgrìobhadh Gàidhlig, a’ mhórchuid mhór dhiubh leis an t-seòrsa mise-en-page bhrèagha air a bheil Driscoll agus Vrieland a-mach, ach gun smuaint sam bith air clò-bhualadh. Car son? A chionn (’na mo bheachd-sa) ’s gur e leabhraichean clò-bhuailte na h-aon bhuill-shampla a bh’ aige.

15 Tha siud ga mo thoirt gu aon phuing mu dheireadh. Bha Mac an Deòir air a phàigheadh le Diùc Earraghaidheal air son na sgeulachdan aige a chruinneachadh, ’s e siubhal na Gaidhealtachd bho thaigh gu taigh gan lorg. Oir ged a bha ideòlas beul-aithris aig muinntir na Gaidhealtachd, cha robh ideòlas làmh-sgrìobhainn idir aca, air adhbhar nach eil mi buileach a’ tuigsinn. Mar sin, thug mi ruith eile tro Hidden Harmonies, a’ siubhal eisimpleirean de phàigheadh. Cha do lorg mi gin ann an Ìoslainn neo ann an Éirinn, ach lorg mi seo mun Danmhargach Hans Christian Lyngbye (1782–1837) sna h-Eileanan Fàro: “Lyngbye asked an elderly man to recite one or more ballads for him to write down in exchange for a day’s wages.” Fianais eile gu bheil Ìoslainn agus Éirinn a réir a-chéile, ’s gu bheil an t-uabhas aig Alba ’s na h-Eileanan Fàro ann an cumantas?

16 Tha mi a’ moladh Hidden Harmonies gu làidir. Tha a h-uile nì a th’ ann math.

Raghnall MacilleDhuibh

Oilthigh Dhùn Éideann

Ná hAibhsigh
© Comhar Teoranta, 2024.
ISSN: 2009-8626